Droch phàirceadh ann an Gleann Nibheis

Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba air carabadan a bha air fhàgail ri taobh an rathaid agus a' cur bacadh air draibhearan eile ann an Gleann Nibheis a thoirt air falbh.

Chuir seo ris an iarrtas bho sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd far a bheileas a' faicinn mòran dhaoine a' fàgail nan càraichean aca ann an àitichean cunnartach 's iad airson tadhal air goireasan turasachd.

Tha trioblaidean mòra air a bhith aig a' choimhearsnachd ann an Gleann Fhionnain far a bheil na mìltean a' tighinn a dh'fhaicinn an trèana-smùid a chaidh a chleachdadh anns na fiolmaichean Harry Potter.

Trioblaid

Ged a tha obair air tòiseachadh airson pàirce-chàraichean le 100 àite ann an Gleann Fhionnain, tha mòran àitichean eile a' fulang an aon seòrsa trioblaid.

Thuirt Inspeactar Poileas Loch Abair, Isla Chaimbeul, nach bi iad a' toirt chàraichean air falbh ach ann an suidheachadh èiginn far nach fhaigh iad lorg air an draibhear.

"Gu mì-fhortanach tha mòran dhaoine a tha a' fàgail nan càraichean ann an dòigh cunnartach ann an Gleann Nibheis a' falbh a shreap Beinn Nibheis 's chan eil e furasda lorg fhaighinn orra" thuirt i.

Dh'iarr i air daoine smaointinn mu dheidhinn àite pàircidh a chur air dòigh mus tig iad faisg air a' ghleann 's ma tha iad dol a dh'fhàgail a' chàr ann an dòigh a tha cur daoine eile ann an cunnart, thèid an càr a thoirt air falbh.

Plana

Tha e foilleasach thuirt i nach eil gu leòr a dh'àitichean pàircidh aig cuid de na àitichean a tha luchd-turais a' tadhal air, agus le mòran a bharrachd dhaoine a' gabhail làithean-saora an Alba am bliadhna an àite a bhith a' dol thall thairis, tha cùisean nas miosa buileach.

"Tha sinn ag obair le Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd airson fuasgladh fhaighinn air a' chùis agus thairis air mìosan a' gheamhraidh bidh sinn a' cur air dòigh plana airson seusan na turasachd an ath-bhliadhna", thuirt an Inspeactar.