Casg air àireamhan cliabh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images

Tòisichidh sgeama pìleat anns an Dàmhair gus casg a chur air na dh'fhaodas iasgairean a chleachdadh de chlèibh ann an earrann mhòr de dh'uisgeachan nan Eilean Siar.

Tha seo ann an oidhirp piseach a thoirt air na tha de ghiomaich, crùbagan is de mhùsgan-caola ri fhaotainn annta, le barrachd is barrachd chlèibh gan cur a-mach agus amharas ann gu bheil an stoc a' crìonadh.

Ma shoirbhicheas leis an deuchainn, a mhaireas dà bhliadhna, thèid a leudachadh don chòrr de dh'Alba.

Cead

Bhon Dàmhair feumaidh cead sònraichte a bhith aig iasgairean, clèibh a chur bho Loch Sheilg ann an Leòdhas gu deas air Barraigh agus leathach slighe tarsaing a' Chuan Sgìth.

Tha an riaghaltas air fios a chur chun a h-uile bàta an Alba gu bheil seo dol a thachairt agus ma bha iad air a bhith ag iasgach taobh a-staigh na sgìre seo bho 2016 chun an-dràsta bi cead sònraichte ri fhaighinn son cumail a' dol airson an ath dha bhliadhna.

Tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, ag ràdh gur e ceum cudromach a th'ann.

Dìon

"Tha sinn air a bhith ag obair leis an riaghaltas agus Oilthigh Chill Rìmhinn airson inneal a chruthachadh a bhios a' sgrùdadh càite a bheil na bàtaichean a' dol agus dè tha iad a' dèanamh.

"Thèid 40 de na h-innealan seo a chur air bàtaichean anns an sgìre agus tha iad sin air an ceangal ri saideal agus aithneachaidh e cia-mheud cliabh a tha iad a' togail, agus càite a bheil iad gan cur sìos.

"Chan fhaod barrachd na 100 clèibh a bhith aca air sreath mùsgan-caola 's mar sin bi fhios aca cia-mheud a thathas a' togail anns gach sreath.

"Chan fhaodar clèibh fhàgail nas fhaide na 3 seachdainean gun an togail, chionn fear de na gearainean is motha a tha sinn air a bhith faighinn se gu bheil daoine a' fàgail chlèibh a-muigh 's chan eil iad gan togail idir 's gu bheil iad a' cumail grunn iasgaich air falbh bho dhaoine eile faighinn a-steach ann" thuirt e.