Rannsachadh tubaist mhara

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, MAIB
fo-thiotal an deilbh, Am bàta aig Mgr Monk, 'May C'

Fhuair rannsachadh tubaist mhara an Uibhist gun robh a h-uile coltas gun do thuit an sgiobair às an sgoth agus e a' feuchainn ri rudeigin fhaighinn às a phroipeilear agus gun deach a bhàthadh.

Bha Mìcheal Monk, 57 bliadhna a dh'aois à Beinn nam Fadhla ag obair leis fhèin air a' bhàta-chlèibh, 'May C' ann an Loch a' Chàrnain nuair a thachair an tubaist san Iuchair an uiridh.

Chaidh Mgr Monk a lorg gun mhothchadh le criutha bho bhàta eile, an 'Sparkling Star' a bha ag obair san aon sgìre.

Inneal fleòdaidh

Ged a dh'fheuch an dithis bhon an 'Sparkling Star' ri Mgr Monk fhaighinn air bòrd a' bhàta aca fhèin, cha b' urrainn dhaibh.

Rinn iad an gnothach air a thoirt gu tuathanas-èisg far an do rinn iad CPR air, agus an uairsin thug iad gu tìr e far an robh carbad-eiridinn a' feitheamh.

Fhuair rannsachadh post mortem gun deach Mgr Monk a bhàthadh.

Anns an rannsachadh aig Buidheann Sgrùdaidh nan Tubaisean Mara (MAIB), fhuaireadh nach robh inneal fleòdaidh pearsanta (PFD) air Mgr Monk, agus cha robh inneal-lorgaidh (PLB) air a bharrachd.

Thuirt an MAIB gun robh seo a' ciallachadh gum biodh e fìor dhuilich dha tighinn às an uisge fhuar leis fhèin gun chothrom gairm-èiginn a chur a-mach.

Mhol an MAIB gum bu chòir iasgairean PFDs a chleachdadh gu h-àraidh ma tha iad ag obair air sgoth leotha fhèin.