BBC Naidheachdan

Grunn sheachdainnean de dh'obair-càraidh fhathast air an A83

Published
image copyrightBear Alba
Bheir e grunn sheachdainnean fhathast mus bi obair-càraidh air rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal deiseil.
Tha sgrùdadh agus càradh air a bhith a' dol bho thàinig na mìltean tunnaichean de pholl agus de chreagan a-nuas air an rathad ann am maoimtean slèibhe an t-seachdain seo chaidh.
Tha seann rathad an airm, fon rathad mhòr fhèin, fosgailte mar cham-rathad fo stiùir charbadan oifigeil.
Chuir stoirmean tron t-seachdain maill air an obair, ach thuirt Bear Alba gum bu chòir gun leig greis de dh'aimsir nas fheàrr ris a bheil dùil leotha a bhith ag obair a là 's a dh'oidhche.
Aon uair 's gun crìochnaichear an obair, dheadh an A83 fhosgaladh às ùr le solais-thrafaig an àite.