BBC Naidheachdan

COVID Arcaibh ga cheangal ri Gallaibh

Published
image copyrightBob Jones/Geograph

Tha NHS na Gàidhealtachd a' sireadh dhaoine a thàinig an lùib chriutha a' bhàt'-iasgaich a tha ga coireachadh airson grad-èirigh ann an cùisean ChOVID ann an Arcaibh.

Thàinig e am bàrr gun do sheòl an tràlair an Aalskere a dh'Arcaibh à cala Sgràbasdail ann an Gallaibh.

Bha an soitheach cuideachd ann an Ceann Phàdraig agus thathar a' tuigsinn gun deach fear den chriutha às an sin gu Obair Dheathain goirid mus deach dearbhadh gun robh sgapadh ChOVID-19 ùr sa bhaile.

Tha Bòrd-Slàinte Arcaibh air còig cùisean den ghalar a dhearbhadh ann an co-cheangal ris a' bhàta, agus tha iad ag ràdh gu bheil naoinear eile a' fèin-aonranachadh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh iad misneachail gun deach dèiligeadh mar bu chòir ris a' bhàt'-iasgaich.