Ceannard ùr Poilis sa Cheann a Tuath

Poileas Alba

Chaidh comanndair ùr sgìreil a chur os cionn Phoileas Alba air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

'S e an t-Àrd-Superintendent Conrad Trickett.

Bha e ron seo na chomanndair sgìreil aig Poileas Alba ann an Dùn Dè.

Tha e cuideachd air a bhith os cionn iomairtean nam Poileas aig tachartasan mar T in the Park agus farpais ghoilf an Open.

Bha e bho chionn ghoirid gu mòr an sàs ann an a bhith a' stiùireadh freagairt Phoileas Alba do staing Chovid-19.

Tilleadh

Thèid e os cionn nam Poileas air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan is an t-Àrd-Superintendent Seòras Dòmhnallach, a bha san obair sin, a' dol na chommandair sgìreil ann an Ear-Thuath na h-Alba.

Bha an Dòmhnallach air a bhith os cionn nam Poileas air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan fad trì bliadhna. Bha e fad bhliadhnaichean ron sin air a bhith ag obair ann an Sgìre Roinn a' Mhonaidh.

Tha e a' tilleadh an sin is an t-Àrd-Superintendent Caimbeul MacThòmais a' leigeil dheth a dhreuchd.

Tòisichidh an dithis nan dreuchdan ùra Diluain.