Pòl Senior gus a dhreuchd fhàgail

Comhairle na Gàidhealtachd

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil Pòl Senior gus a dhreuchd mar Àrd-Oifigear 'son Ionnsachaidh is Foghlaim fhàgail.

Chan eil ach beagan is dà mhìos bho chaidh Mgr Senior fhastadh leis a' Chomhairle.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle ge-tà, nuair a thàinig e am bàrr gun robh obair Mhgr Senior a' cosg cha mhor £250,000 dhan Chomhairle sa bhliadhna.

Rinn cuid de chomhairlichean càineadh air an t-suim sin is mar a chaidh Mgr Senior fhastadh.

Nam measg bha an comhairliche Abrach, Anndra Bacasdair, a thuirt gur e suidheachadh "maslach" a bh' ann, is a dh'fhàg air a' Chomhairle cuideachd nach robh iad deònach ceistean mun chùis a fhreagairt.

Falbh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach an t-suim airgid aontachadh le buidhinn-fastaidh is nach gabhadh coimeas a dhèanamh le tuarastal àbhaisteach an luchd-obrach.

Ach le connspaid is mì-thoileachas air leantainn, thuirt a' Chomhairle gu bheil Mgr Senior a-nise a' fàgail a dhreuchd.

"'S urrainn dhuinn dearbhadh gu bheil an CEO air sgrìobhadh gu buill gus innse dhaibh gun tig obair Phòl Senior gu ceann aig deireadh an Lùnastail", thuirt fear-labhairt.

"'S e am prìomh amas a bh' aige planaichean a chur air dòigh a thaobh foghlam a bhith a' tilleadh is leis an naidheachd às ùr bho Riaghaltas na h-Alba, tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn na planaichean sin a chur an sàs gus clann is luchd-obrach a thilleadh dhan sgoil gu sàbhailte san Lùnastal.

"Bidh Mgr Senior os cionn sin is thèid planaichean a chur air dòigh an uairsin 'son oifigear eadar-amail a bhith os cionn foghlaim gus an tèid neach a chur san obair làn-ùine", thuirt e.

Chan eil dùil gum bi an gnothach seachad aige sin ge-tà, is an Comh. Bacasdair ag ràdh Dihaoine gu bheil an t-uabhas de cheistean rim freagairt fhathast mun chùis.