'Dìon ar n-eileanan'

Bùrach Image copyright Oighreachd Bhaile Mhorail
Image caption Tha seallaidhean mar seo air nochdadh ann an grunn àiteachan aig tuath.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus Buidheann Turasachd Innse Gall air feadhainn a tha a' tadhal air na h-eileanan a bhith mothachail gu bheil cuid de ghoireasan dùinte is ullachadh a dhèanamh ro-làimhe.

Tha draghan air a bhith a' nochdadh thall 's a-bhos mu dhol a-mach cuid de luchd-turais is feadhainn a' fàgail sgudail is salachar às an dèidh.

Sa bhrath aca, thuirt na trì buidhnean gu bheil cuid de thaighean-beaga poblach agus àitichean far am faighear cuidhteas stuth ceimigeach airson taighean-beaga dùinte fhathast.

Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine dearbhadh ro-làimhe dè na goireasan a tha fosgailte is plana a dhèanamh air mar a chuireas iad sgudal is eile bhuapa gu sàbhailte.

Tha aithrisean às grunn sgìrean air a' chosta an iar mun bhùrach a tha cuid a' fàgail air an cùlaibh.

Dh'innis Mairead NicÌomhair a tha a' fuireach ann am Beàrnaraigh Leòdhais gun robh daoine le dol a-mach uabhasach air an fhearann aice.

"Tha daoine a' sreap nam feansaichean is tha iad a' cleachdadh an lot againn mar thaigh-beag pearsanta. Tha trioblaidean againn air na rathaidean singillte, tha iad a' dol dha na passing places is chan fhaigh daoine seachad", thuirt i.

Oifigich

Thuirt i gu bheil an t-àm aig na h-ùghdarrasan a dhol an sàs.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum na buidhnean is an Riaghaltas air a' chiad dol a-mach aideachadh gu bheil trioblaid ann, is gum feum iad airgead a chur air dòigh 'son obraichean a chur air dòigh.

"Seòrsa de dh'oifigear a bhios ag èisteachd ri na daoine a tha a' fuireach anns na coimhearsnachdan far a bheil trioblaidean ann.

"Is an uairsin 's dòcha gum feum iad oifigear 'son smachd a chumail air an rud a tha a' dol air adhart", thuirt i.

Tha gearanan cuideachd air a bhith san Eilean Sgitheanach is iasgairean ann an Stafainn am measg na tha air dragh a thogail.

A rèir nan iasgairean, tha bhanaichean-campachaidh is eile a' cur bacadh orra a' faighinn sìos chun a' chidhe is chun nam bàtaichean aca.

Sgudal

Thuirt fear de na h-iasgairean, Ally Dòmhnallach, gu bheil e doirbh cuideachd dha na h-iasgairean is luchd-obrach eile parcadh faisg air a' chidhe.

"'S e sgudal a tha iad a' fàgail às an dèidh ach cuideachd tha càraichean a' parcadh air beulaibh nan geòlaichean is bàtaichean aig daoine, fiù 's parcadh air a' chidhe is chan urrainn geòlaichean fhaighinn suas is sìos", thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Chan eil iad mothachail idir gur e àite-obrach a th' ann cuideachd is tha e a' toirt droch bhuaidh air an àrainneachd, na tha air fhàgail de sgudal."

Aig an dearbh àm, tha feadhainn a tha a' campachadh gu bitheanta ag ràdh gum bu chòir cuimhneachadh nach eil a h-uile duine ris a' chleas seo idir.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Janni Diez gu bheil i air a bhith a' campachadh fad còig bliadhna deug is gu bheil i an-còmhnaidh a' dèanamh cinnteach nach bi fianais ann às dèidh làimhe gun robh i ann.

Thuirt i gum bu chòir fiosrachadh a sgaoileadh do dhaoine air mar bu chòir dhaibh an giùlain fhèin nuair a tha iad a' campachadh is dragh oirre gun toir an suidheachadh a th' ann droch bhuaidh air cliù luchd-campachaidh gu lèir.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e fìor chudromach gum bi sinn a' dèiligeadh ris a' chùis seo is nach bi na trioblaidean seo a' cur stad air a h-uile duine a tha ri campachadh fiadhaich.

"Tha tlachd fìor mhòr ann is bhiodh e uabhasach brònach stad a chur air sin air sgàth beag-chuid", thuirt i.