Margaidhean Sprèidh Eileanach gus fosgladh às ùr

Margaidh Sprèidh Steòrnabhaigh
Image caption Bidh coltas diofraichte air fèilltean na bliadhna-sa le riaghailtean sònraichte nan cois.

Chaidh a dhearbhadh gun tèid fèilltean reic eileanach air adhart am-bliadhna.

Ged a chaidh aithris tràth as t-samhradh gum biodh na fèilltean ann le riaghailtean ùra air sgàth a' Choròna-bhìorais, nochd an uairsin ceist mun ghnothach.

Dh'innis Margaidh-sprèidh Leòdhais agus na Hearadh aig toiseach an Iuchair gun robh mì-chinnt ann is gun robh iad ag obair air plana gus na fèilltean a bhith aca ann an Inbhir Pheofharain mura biodh cead aca an cur air adhart ann an Steòrnabhagh.

Tha dearbhadh ann a-nise is bidh a' chiad fhèill ann am Port Rìgh air an 24mh den Lùnastal is ann an Steòrnabhagh air an 26mh den Lùnastal.

Dh'innis a' chompanaidh United Auctions gun tèid na fèilltean aca san Lùnastal ann an Tiriodh, ann an Ìle is an Loch Baghasdail air adhart.

"Gu dearbha fhèin 's e faochadh mòr a th' ann", thuirt Càthraiche Margaidh Sprèidh Leòdhais is na Hearadh, Coinneach MacLeòid.

Riaghailtean

"S e dìreach mar a bha an suidheachadh gu nàiseanta ag atharrachadh. Cha robh Margaidh Sprèidh Inbhir Pheofharain a' faighinn a' chead dheireannaich bho Riaghaltas na h-Alba agus bha cuideachd dhà no trì rudan aca ri dhearbhadh mus b'urrainn dhaibh a ràdh gum biodh fèilltean aig na margaidhean sprèidh taobh a-muigh Inbhir Pheofharain", thuirt e.

Ged a bhios na fèilltean ann ge-tà, bidh riaghailtean sònraichte nan cois.

"Chan fhaod a bhith aig a' mhargaidh sprèidh fhèin ach luchd-ceannach, feadhainn a tha air an clàradh, agus luchd-obrach a' mhargaidh sprèidh", thuirt Mgr MacLeòid.

"Bidh e gu math annasach is duilich obrachadh a-mach ach feumaidh sinn gabhail ri seo", thuirt e.

Thathas an dòchas cuideachd fèilltean a chraoladh air-loidhne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile