Dùil ri seirbheisean bus àbhaisteach sna h-Eileanan Siar a dh'aithghearr

Bus ann an Uibhist Image copyright Richard Webb Geog

Bidh seirbheisean bus tron là ann an Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla a' ruith mar as àbhaist aon uair eile bho Dhiluain 3mh den Lùnasdal.

Cha bhi aig daoine suidheachan a bhucadh mus siubhal iad mar a b' fheudar dhaibh tron lockdown ach air na seirbheisean far am feum iad sin a dhèanamh co-dhiù.

Cha bhi na seirbheisean bus a' ruith mar a b' àbhaist ann an Uibhist a Tuath, Beàrnaraigh, Barraigh agus Bhatarsaigh leis nach deach na cùmhnantan air an son a thoirt seachad fhathast.

Thèid fiosrachadh mu chlàran-ama nan sgìrean sin fhoillseachadh cho luath agus a ghabhas, thuirt Comhairle nan Eilean Siar.

Bidh aig luchd-siubhail bhusaichean faraidhean a phàigheadh aon uair eile cuideachd.

Còmhdaichean-aodainn riatanach

Tha a' Chomhairle a' cur an cuimhne dhaoine gum feum còmhdach-aghaidh a bhith orra air còmhdhail phoblach agus nach bi cead aca siubhal mura h-eil sin orra.

Fo na riaghailtean chan fheum clann fo aois còig bliadhna neo daoine le tinneasan sònraichte masg a bhith orra.

Tha a' Chomhairle a' moladh do luchd-siubhail gun nìgh iad an làmhan mus tèid iad air bus agus às dèidh an turais aca.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad airson taing a thoirt do luchd-siubhail nam busaichean airson an cuid foighidinn tro staing sgapadh Covid-19.

Gheibhear fiosrachadh mu chlàran-ama nam busaichean air làrach-lìn Comhairle nan Eilean Siar.