Dithis dhràibhearan air an clàradh a' dol aig cha mhòr 120msu

Tomhas-astair carbaid

Tha dithis dhràibhearan fo chasaid gun deach iad aig astar cha mhòr 120msu air rathad beag faisg air Alnais air Taobh Sear Rois.

Thuirt na poilis gun deach boireannach, 24 bliadhna de dh'aois, a ghlacadh a' dol aig 119msu, agus chaidh càr an fhireannaich, 34, a chlàradh a' dol aig 116msu air 23na den Iuchair air am B817 far nach eil e ceadaichte a dhol càil nas luaithe na 60msu.

Thèid casaid a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thuirt an Sàirdseant Ewan Calder gun robh dràibheadh den t-seòrsa seo a' cur dhaoine eile ann an cunnart.

Thuirt e: "Dh' fhàgadh tubaist le càraichean a' dol cho luath sin càirdean agus caraidean gun an luchd-gràidh."