Lutsais: cànan marbh?

Nikolajs Nikonovs agus a sheanmhair
Image caption Nikolajs Nikonovs, an duine mu dheireadh aig an robh Lutsais gu fileanta, agus a sheanmhair Antonina, a thug dha i, 's a thug beagan den chànan do a h-ogha mhòir, Anna.

Air taobh sear Latbhia, faisg air crìoch na Ruis, tha cuimhne air cànan ga dùsgadh às ùr.

Cha bhruidhinn duine an cànan seo, Eastònais Lutsach, tuilleadh, ach tha cuimhne aig cuid san sgìre - timcheall baile Ludza - air bloighean dhith.

Gu bunaiteach, tha an cànan Fionnach seo air a dhol bàs, ged a tha dòchas aig cuid gun gabh i togail às ùr, gu ìre.

Cogadh Mòr a' Chinn a Tuath

Tha cogadh air cuid mhath de dh'eachdraidh Latbhia a chumadh.

Cha robh an dùthaich mar as aithne dhuinn an-diugh i ann gu 1918, agus airson a' chuid as motha den 20mh Linn cha robh i neo-eisimeileach ann, 's i fo smachd an Aonaidh Shòibhietich.

Rinn dà chogadh mòr na linne sin sgrios air gu leòr sa cheàrnaidh seo den Roinn Eòrpa - ach cha b' e siud a' chiad uair a thachair a leithid.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Meikul Jarošenko a' gabhail rann ann an Lutsais

Am measg nan sgeulachdan a th' aig sliochd nan Lutsach an-diugh air mar a thàinig iad chun na sgìre, tha gun deach iad ann nam fògarraich aig àm Cogadh Mòr a' Chinn a Tuath, san 18mh Linn.

B' e sin an cogadh san tug an Ruis smachd air falbh bhon t-Suain air an earrann a bh' aca de na Dùthchannan Baltaigeach, mar a chanar riutha an-diugh, a bha a' gabhail a-steach Eastòinia.

Tha cuid den bheachd gur ann mun àm sin a ràinig na Lutsaich an sgìre, 's iad nam fògarraich.

B' e Caitligich a bh' ann am mòran aca, agus dh'iarradh iad fuireach nan Caitligich.

B' e Pròstanaich a bh' anns na Suainich, 's Ortodocsaich a bh' anns na Ruiseannaich.

B' iad na Pòlannaich ge-tà, a bha a' riaghladh sgìre Ludza, agus thuinnich na Lutsaich (ainm a chuireadh orra fada an dèidh sin) ann an 53 bailtean sgaipte air an tuath, ag àiteach raointean a dhùisg iad às a' choille, am measg nan cnocan ìosal cruinn, agus nan lochan àlainn.

Image copyright Taigh-tasgaidh Nàiseanta Eastòinia
Image caption Tekla Jarošenko a bhruidhinn Lutsais. Dealbh: V. Niilus, 1936, baile Lielie Tjapši (Jāni külä ann an Lutsais) ERM Fk 754:109

Tha sgeulachd eile ann gur ann ri linn gheall a chuir dithis thighearnan a chuireadh ann iad, 's fear dhiubh air na h-uimhir de theaghlaichean de thuathanaich Eastòinianach a bhuannachadh bhon fhear eile.

Ge b' e ciamar a ràinig iad, shocraich iad sìos còmhla ri muinntir Latbhianach na sgìre.

Mean air mhean, ghabh Latbhianais thairis mar chànan na dachaigh.

Air a shon sin, thachair sin slaodach gu leòr 's gun do ghabh Lutsais caractair oirre fhèin, ag atharrachadh a gràmair, 's a' toirt a-steach fhaclan on Ruiseannais agus Latbhianais, a bha gam bruidhinn gu diofar ìrean timcheall orra.

Luchd-rannsachaidh

Image copyright Taigh-tasgaidh Nàiseanta Eastòinia
Image caption Obair bualaidh air tuathanas Antons Buls. (Dealbh: P. Voolaine, 1937, Greči (Grēki ann an Lutsais.)

Ghlac an sluagh seo aire luchd-rannsachaidh Eastònianaich deireadh na 19mh Linne, agus dùsgadh mòr nàiseanta a' spreagadh dhaoine ann an gu leòr sgìrean den Roinn Eòrpa gus smaoineachadh orra fhèin mar nàiseanan - smuain a thàinig gu buil an dèidh a' Chiad Chogaidh Mhòir.

Shìn iad an làmhan a-mach ri slòigh a bha ceangailte riutha tron fhuil, tro chànan, agus tro chultar.

Image copyright Uldis Balodis
Image caption Tuathanas, baile Barisi (Mägize külä ann an Lutsais). B' e seo fear de na h-àiteachan far an do mhair eòlas air a' chànan Lutsach a b' fhaide.

Ann an 1893, thadhail fear Oskar Kallas air an sgìre, agus chlàir e gun robh mu 800 duine a bhruidhneadh an cànan.

Ann an 1925, chlàir fear-rannsachaidh eile, Paulopriit Voolaine, gun robh mu 120 air fhàgail.

Rinn an luchd-rannsachaidh seo clàraidhean de bhriathrachas, de ghràmar, de dh'òrain agus sgeulachdan, a' cur seachad ùine mhòir le teaghlaichean a bhruidhneadh i.

Bha Voolaine gu sònraichte 's ùidh aige ann am fèin-aithne nan Lutsach mar Eastòinianaich.

Image copyright Taigh-tasgaidh Nàiseanta Eastòinia
Image caption Na cànanaichean August Sang (clì) agus Paul Ariste (deas) leis an teaghlach Jarošenko a bhruidhinn Lutsais (Dealbh: V. Niilus, 1936. Baile Lielie Tjapši (Jāni külä ann an Lutsais)

Rinn e oidhirp neo-shoirbheachail gus sgoil a stèidheachadh san sgìre a bhiodh a' teagasg tro Eastònais agus bhrosnaich e iad clàradh mar Eastòinianaich.

Image copyright Taigh-tasgaidh Nàiseanta Eastòinia
Image caption Nollaig air a cumail air nòs nan Eastònianach, air a cur air dòigh leis an luchd-rannsachaidh, ann an dachaigh E. Buls. Dealbh: J. Bull, 1936. Baile Abricki (Tunduri ann an Lutsais).

Chuir na h-oidhirpean aig Voolaine diomb air ùghdarrasan na dùthcha, agus chaidh a chasg bho Latbhia.

Cha robh Latbhia ach air a dhol neo-eisimeileach ann an 1918, agus leis nach b' iad na Lutsaich an aon mhion-shluagh "Eastòinianach" am broinn na crìche aice, cha robh a riaghaltas ro dheònach dad den leithid a bhrosnachadh.

Image copyright Uldis Balodis
Image caption Bàta air cladach Loch Vorci

A dh'aindeoin seo, chaidh cuid de chloinn Lutsaich gu foghlam ann an Eastòinia.

Thill cuid aca le Eastònais fhileanta, ach an dèidh dhaibh an Lutsais aca a chall - rud a chuir an teaghlaichean gu bhith a' bruidhinn Latbhianais aig an taigh.

Image copyright Uldis Balodis
Image caption Baile agus Loch Ludza

Is coltach gun robh Lutsais fhèin ro fhaisg air Eastònais airson a glèidheadh an dèidh foghlaim tro mheadhan a' mhòr-chànain - ged a bha duilgheadas aig cuid de Lutsaich Eastònais a thuigsinn.

An-diugh

An-diugh, tha rannsaiche Latbhianach-Aimeireaganach, an Dr Uldis Balodis, an dùil leabhar fhoillseachadh a dh'aithghearr le bun-leasanan sa chànan Lutsach.

Tha ceangal teaghlaich aige ris an sgìre, agus tha e air grunn bhliadhnaichean a chur seachad a' rannsachadh na th' air fhàgail den chànan an cuimhne mhuinntir na sgìre.

Image copyright Uldis Balodis
Image caption Taigh tuathanais ann am baile Kitkova, a bh' ann nuair a thòisichear a' rannsachadh a' chànain anns na h-1890an.

Am measg an fheadhainn ris an do choinnich e, bha banntrach an duine mu dheireadh a chumadh còmhradh sa chànan - Nikolajs Nikonovs - Antonina Nikonova, a bhàsaich ann an 2014.

"Bhàsaich an duine mu dheireadh a dhèanadh còmhradh an Lutsais ann an 2006, ach - mar a thachras cho tric le cànanan 's iad a' dol à cleachdadh làitheil - mhair eòlas oirre sa choimhearsnachd," thuirt an Dr Balodis.

"Chaidh agam air coinneachadh ri agus agallamhan a dhèanamh le banntrach an duine mu dheireadh a bhruidhneadh i (bhàsaich ise ann an 2014) agus bha fhathast deagh eòlas air briathrachas aicese, agus corra abairt.

"A thuilleadh air sin, lorg mi corra dhuine aig a bheil cuimhne air abairtean beaga stèidhichte, leithid rann òrain, no toiseach sgeulachd, no air facail fa-leth, beannachdan is àireamhan sa bhitheantas.

"Dhomhsa dheth, b' i seanmhair an duine mu dheireadh a bha sin an t-adhbhar a mhair Lutsais mar chànan làitheil ann an àite sam bith san t-Saoghal .

Image copyright Uldis Balodis
Image caption Uldis Balodis, Anna Leščinska (ogha mhòr Antonina Nikonova) agus an cànanaiche Karl Pajusalu à Oilthigh Tartu ann an Eastòinia.

"Tha i fhèin a' nochdadh ann an clàraidhean grunn den luchd-rannsachaidh mar thè a bha gu sònraichte dèidheil air a bhith ga bruidhinn, 's a bha a' feuchainn ri càch anns a' bhaile aice a bhrosnachadh a bhith ga cleachdadh.

"Air a' cheann thall, cha do shoirbhich fiù 's le a h-oidhirpean-sa, 's lean an crìonadh.

"Ach bhruidhinn i an cànan le a h-ogha, agus dh'ionnsaich fiù 's a h-ogha mhòr - dhan tug i greis de h-àrach - na h-uimhir de dh'fhacail bhuaipe.

"Mar sin dheth, dhomhsa, 's e sgeulachd a th' ann air mar a bheir oidhirpean dhaoine fa-leth buaidh."

Carson a chuir na Lutsaich an cùlaibh ris a' chànan ma-tha?

"'S e mo bharail-sa, gur e coimhearsnachd a bh' annta aig nach robh mothachadh orra fhèin mar bhuidhinn," thuirt an Dr Balodis.

"Mar sin dheth, chaidh iad an lùib cultair nan nàbaidhean Latbhianach aca.

"Chuala mi cuideachd san obair agam fhèin ge-tà, sgeulachdan caran coltach ris na dh'innis thu dhomh mun Ghàidhlig, far an robh daoine ag ràdh gun robh i aig an seann-seann-phàrantan, ach gun robh an seann-phàrantan air a cumail mar chànan dìomhair - an sgeulachd as sine san leabhar."

Gun ach cuimhne agus faireachdainn dhaoine air fhàgail ge-tà, dè ghabhas dèanamh gus dualchas nan Lutsach a chumail beò?

Tha na h-uimhir de phròiseactan ealain gan dèanamh gu h-ionadail anns a' chànan, le dealbh-fhaclair do chloinn agus mìosachan le sgeulachdan ann an Lutsais nam measg.

Tha cuideachd còmhlan seinn ann, Ilža, a bhios a' gabhail òran ann an Lutsais, a thuilleadh air feadhainn an Latbhianais.

Tha an Dr Balodis, a th' air a bhith an sàs ann an cuid de na pròiseactan sin, dòchasach gu bheil adhartas ga dhèanamh.

"Chan eil mi cinnteach am bi là ann a-rithist far am bi 53 bailtean le daoine a' bruidhinn Lutsais," thuirt e.

Image copyright Uldis Balodis
Image caption Seada ann am baile Inkini

"Ach, bheir cànan dhut frèama cudromach air am faodar fhathast bloighean agus cuimhne de dh'fhèin-aithne a chrochadh.

"Mar a tha mise ga fhaicinn, tha an obair agamsa a' leigeil le daoine eòlas a chur às ùr air an rud seo nach eil dha-rìribh cho fada air falbh.

"Nan robh mi air a bhith ag obair ginealach na bu thràithe, bha barrachd dhaoine air a bhith ann a dh'fhaodadh a bhith an sàs ann 's iad comasach air a bruidhinn.

"Aig an ìre seo ge-tà, 's e a bhith a' cur na fèin-aithne seo air ais an cuimhne dhaoine, ach am faic iad gu bheil seo mar phàirt den dualchas ionadail aca - ge b' e dè an cinneadh - gus am bi beatha ùr aig an dualchas san àm ri teachd.

"'S e a' bheatha sin, gum faigh daoine de shliochd nan Lutsach, ma tha iad air a shon, air a dhol nas doimhne a-steach air a' chànan 's an fhèin-aithne a tha seo," thuirt e.

'S dòcha gur e an rud as iongantaiche mun choimhearsnachd seo, an dèidh eachdraidh na 20mh Linne ann an Latbhia, gu bheil daoine san sgìre fhathast aig a bheil cuimhne teaghlaich air Lutsais.

'S i a' cheist, nuair a bhios cànan air crìonadh chun na h-ìre seo, an togar air a' bhun-stèidh sin?

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile