Beàrn Comhairle na Gàidhealtachd £62m nas lugha

Comhairle na Gàidhealtachd

Cluinnidh comhairlichean Gàidhealach nach bi an toll ann am buidseat na Comhairle buileach cho mòr 's a bha iad an dùil.

Chaidh innse bho chionn beagan mhìosan gum biodh iad faisg air £100m gann ma dh'fhaoidte air a' bhliadhna-ionmhais seo.

Aig toiseach an Lockdown, dh'innis a' Chomhairle gun do èirich na cosgaisean aca, ach aig a' cheart àm gun tàinig lùghdachadh mòr air an teachd-a-steach aca.

Thuirt iad gun robh iad a' sùileachadh toll £97m aig a' char as motha anns na leabhraichean cunntais.

Ach thàinig e am follais Diardaoin nach eil dùil gum bi an suidheachadh cho dona.

Ann an aithisg a thèid a dheasbad aig coinneimh na Làn-Chomhairle, innsidh Ceannard an Ionmhais, Èideard Foster, gum bi toll beagan is £35m anns a' bhuidseat.

'S e lùghdachadh £62m a tha sin.

Tha seo a' gabhail a-steach airgid a tha iad a' faotainn bhon Riaghaltas.

Canaidh Mgr Foster cuideachd ge-tà, gu bheil e a' coimhead coltach gu bheil grèim nas fheàrr aig an ùghdarras air gnothaichean ionmhAis, ach gu bheil cunnartan, duilgheadasn agus dùbhlain romhpa fhathast.