Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Iuchar 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Masgaichean

Tha buaireadh ann mu cò a bhios a' cumail smachd air cleachdadh còmhdach aodainn anns na bùthainnean ann an Sasainn a thig gu bith air a' 24mh là den mhìos. 'S ann an urra ris na Poilis a tha e sin a dhèanamh an Alba far an do thòisich an riaghailt Dihaoine seo chaidh. Ach tha a' bhuidheann a tha a' riochdachadh oifigearan poilis ann an Sasainn ag ràdh nach urrainn dhaibhsan an lagh a thoirt gu buil. Agus tha bùthainnean ann an Sasainn ag ràdh gun tug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ro fhada mus do stèidhich iad an riaghailt. Tha an Riaghaltas ag ràdh gum feum na Poilis agus na bùthainnean eadar iad an lagh a chur an sàs.

Dàrna Suaile

Tha rabhadh ann gum faodadh Covid-19 èirigh às ùr air a' Gheamhradh seo tighinn agus gum bi e nas miosa na bha a' chiad uair as t-Earrach. Tha Acadamaidh nan Saidheansan Meadaigeach, a tha a' toirt comhairle air an Riaghaltas, ag ràdh gum faodadh faisg air 120,000 bàs a bhith anns na h-ospadail air feadh na Rìoghachd Aonaichte mura tèid ullachadh ceart a dhèanamh. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil mòran a' crochadh ge-tà, air dè thachras eadar flù agus an Coròna-bhìoras.

An Eaconomaidh

Bha crìonadh faisg air a' chòigeamh cuid ann an eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte anns na trì mìosan dhan Chèitean. Tha na figearan as ùire bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh nach robh fàs 1.8% ann an toradh na dùthcha sa Chèitean, gu leòr mu choinneimh crìonaidh 6.4% anns a' Mhàrt, agus an seacadh as motha riamh - 20% - anns a' Ghiblean.

Huawei

Tha làn-dùil gun atharraich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte am beachd an-diugh le casg a chur air a' chompanaidh Shìonaich Huawei bho lìonra 5G Bhreatainn. Bidh Boris Johnson sa chathair air Comhairle na Tèarainteachd Nàiseanta sia mìosan an dèidh dha aontachadh àite a thoirt do Huawei anns an lìonra ùr.

Prìosanaich

Tha a dhà uimhir de dh'fhir nas sine na 55 bliadhna de dh'aois ann am prìosain na h-Alba na bh' ann bho chionn 10 bliadhna, agus dh'èirich àireamh nam prìosanach gu lèir gu mòr air an dà bhliadhna mu dheireadh, ged is e nas lugha a tha gan cur dhan phrìosan. 'S e as coireach, a rèir Seirbheis nam Prìosan, gu bheil na cùirtean a' cur binn nas fhaide air feadhainn a tha iad a' dìteadh airson seann eucoirean drabasta.

Earra-Ghàidheal

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gum bi na seirbheisean còmhdhail poblach a' tilleadh gu beagan nas fhaisge air an àbhaist anns na seachdainean ri tighinn. Bidh barrachd àite do luchd-siubhail air na seirbheisean aiseig a tha a' Chomhairle a' ruith, agus fosglaidh Port-Adhair an Òbain agus puirt-adhair nan Eilean a-rithist a-màireach.