Lìogan na Gàidhealtachd 's na Galltachd dòchasach mun Damhair

Ball-coise

Tha oifigearan lìogan ball-coise na Gàidhealtachd agus na Galltachd gu ìre dòchasach gun urrainn dhan dà roinn tòiseachadh san Damhair.

Tòisichidh Prìomh Lìog na h-Alba air an 1mh den Lùnastal agus tha na trì lìogan nas ìsle ag amas air tòiseachadh air an 17mh den Damhair.

Tha Lìog na Gàidhealtachd agus Lìog na Galltachd a' sgrùdadh ciamar agus cuin as urrainn dhaibhsan geamaichean a chur air dòigh a-rithist a bhios a' leantainn an stiùiridh a thaobh slàinte a' phobaill co-cheangailte ri Covid-19.

Thuirt Rùnaire Lìog na Gàidhealtachd, Rod Houston, gun robh mar a tha an dùthaich air gluasad gu ìre a trì san t-slighe a-mach as an Lockdown a' toirt brosnachaidh dha.

"Le mar a tha dusan seachdain ann gu meadhan an Damhair tha e a' toirt ort a bhith a' smaoineachadh gu bheil teansa ann gun gluais sinn gu ìre a ceithir.

"Bhiodh sinn a' ciallachadh gum biodh e na b' fhasa gu practaigeach Lìog na Gàidhealtachd a chur a dhol a-rithist," thuirt e.

Dùbhlanach

Thuirt Cathraiche Lìog na Galltachd, Seòras Friseal, gu bheil na riaghailtean gu math dùbhlanach, agus gu math fada.

"Tha tòrr ann dhuinne agus dha na clubaichean againn beachdachadh air.

"Tha sinn an dòchas gun tèid an lagachadh beagan," thuirt e.

Thuirt Cathraiche Cluba Ball-coise Conntaidh Inbhir Narann, Dòmhnall MacMhathain, nach eil airgead gu leòr aca airson deuchainnean a dhèanamh air na cluicheadairean.

"Chuireadh e uallach mòr air na sgiobaidhean ma bhios againn ri deuchainnean a dhèanamh a h-uile seachdain.

"Cosgaidh e mu £1,000 gach seachdain.

"Ma tha 34 geamaichean agad, cosgaidh e £34,000," thuirt e.