teenagers_online
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beag-chuid de dheugairean a’ bruidhinn na Gàidhlig

3 An t-Iuchar 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil ach aon deugaire às gach ceud anns na h-Eileanan an Iar a' bruidhinn Gàidhlig gu cunbhalach ri an caraidean.

Sin fear de thoraidhean eile rannsachaidh a chaidh fhoillseachadh air staid na Gàidhlig sna h-Eileanan.

A-rèir an sgrùdaidh tha aon deugaire às gach còignear fileanta sa Ghàidhlig, ach nach eil ach aon duine às gach fichead dhuibh ga bruidhinn ri am pàrantan.

A-rèir an luchd-sgrùdaidh tha sin a' fàgail a' chànain le grèim gu math lag agus air an iomall ann am beatha dheugairean nan eilean, mar a tha Ruairidh MacIomhair a-nis ag aithris: