A' Ghàidhlig sa choimhearsnachd

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
A' Ghàdhlig 's daoine òga

Tha deasbad a' sìor dhol air adhart mun leabhar ùr a nochd Diardaoin a rinn dealbh gu math dubhach air suidheachadh na Gàidhlig ann an eileanan far an robh i gu traidiseanta glè làidir.

Am measg eile tha an leabhar sin ag ràdh nach eil fileanta sa Ghàidhlig ach 3% den chloinn a tha a’ tòiseachadh aig sgoiltean-àraich sna coimhearsnachdan air an deach an sgrùdadh a stèidheachadh.

Am measg thoraidhean rannsachaidh Shoillse, tha nach eil ach aon deugaire às gach ceud anns na h-Eileanan an Iar a' bruidhinn Gàidhlig gu cunbhalach ri an caraidean.

Tha iad ag ràdh gu bheil aon deugaire às gach còig fileanta sa Ghàidhlig, ach nach eil ach aon duine às gach fichead dhuibh ga bruidhinn ri am pàrantan.

Tha sin a' fàgail a' chànain, tha iad ag ràdh, le grèim gu math lag agus air an iomall ann am beatha dheugairean nan eilean.

Seo am fear a bha os cionn an rannsachaidh - an t-Oll. Conchur O Giollagàin.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Conchur Ó Giolagáin

Bhruidhinn am fear-naidheachd againn Ruairidh MacÌomhair ri Hannah NicLeòid far a' Bhac ann an Leòdhas.

Tha Hannah 17, agus i dìreach air an t-siathamh bliadhna san àrd-sgoil fhàgail.

Bidh i a' bruidhinn Gàidhlig tric is minic san teaghlach, sa choimhearsnachd, agus cuideachd na h-obair ann am bùth ann an Stèornabhagh.

Ach tha i ag ràdh gu bheil i ag aithneachadh an t-suidheachaidh èiginnich a th' air a mhìneachadh anns an rannsachadh.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Hannah NicLeòid