Ceist mu luchd-turais is Covid-19

Muile bho aiseag an Òbain Image copyright Eddy Lloyd/Geograph

Nochd dragh am measg eileanach ann an Earra-Ghàidheal, agus gu sònraichte ann am Muile, mu na bu chòir tachairt le luchd-turais air an tig an Coròna-bhìoras, agus iad anns na h-eileanan.

Dh'iarr an Riaghaltas air CalMac gun cuireadh iad àite sònraichte air dòigh air bàtaichean-aiseig airson daoine a thoirt air ais gu Tìr-Mòr.

Ach thuirt CalMac nach leigeadh iad le duine tighinn air bòrd agus am bhìoras orra mura biodh iad ann an carbad eiridinn agus cobhair meadaigeach aca.

Tha seo a' tighinn agus cead a-niste aig daoine an Alba siubhail barrachd na còig mìle bhon dachannan agus aig taighean fèin-fhrithealaidh fosgladh do luchd-turais a-rithist às dèidh an Lockdown.