Corp ga lorg an Inbhir Theòrsa

Seacaid phoilis

Chaidh corp a lorg le poilis a bha a' sireadh neach a bha a dhìth ann an Inbhir Theòrsa.

Thuirt na Poilis gun robh iad air fios a chur air teaghlach Adam Pritchard, a tha 39, ged nach deach dearbhadh gu h-oifigeil cò an còrp a lorg iad.

Thèid sgrùdadh bàis a dhèanamh cuideachd.

Thuirt na Poilis nach robh adhbhar aca fhathast dhan bhàs.