Dearbhadh nach eil Covid-19 aig RAF Inbhir Lòsaidh

RAF Inbhir Lòsaidh Image copyright JASPERIMAGE

Chaidh dearbhadh nach eil Covid-19 air dithis a bha ag obair do chùmhnantaiche aig RAF Inbhir Lòsaidh.   

Chaidh an dithis gu fèin-aonranachadh an dèidh na ciad dheuchainn a sheall gur dòcha gun robh am bhìoras orra.

Rinneadh obair-glanaidh aig an ionad nuair a nochd amharas gun robh an Coròna-bhìoras air an dithis.

Bha iad ag obair do chompanaidh phrìobhaidich a tha ri leasachadh air an raon-laighe. 

Thuirt an RAF nach robh comharran a' bhìorais orra, ach gun robh iad gan cumail fa-leth bho chàch agus a' feitheamh fios bho dheuchainnean dearbhaidh. 

Bha iad a' fuireach ann an àite-còmhnaidh air an ionad fhèin, ach tha draghan air nochdadh bhon choimhearsnachd mu luchd-obrach a bhith a' tighinn 's a' falbh à sgìrean eile den dùthaich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo