Digby Chick a' dùnadh

Steòrnabhagh
Image caption Steòrnabhagh

Dh'innis taigh-bìdh Digby Chick ann an Steòrnabhagh gu bheil iad a' dùnadh.

Thuirt iad air na meadhanan sòisealta gur e co-dhùnadh air leth doirbh a bh' ann, ach gu bheil buaidh a' Choròna-bhìorais a' fàgail nach urrainn dhaibh cumail a' dol.

Bha an taigh-bìdhe air a bhith ann 20 bliadhna.

'S e seo an taigh-bìdh as ùire sa bhaile a th' air innse gu bheil iad a' dùnadh agus staing Chovid-19 a' toirt buaidh.

Dh'innis a' chompanaidh a bha a' ruith Cafaidh an Lanntair nach b' urrainn dhaibh cumail a' dol, le 21 duine a' call an cosnaidh.

Tha cuideachd Taigh-smòcaidh Leòdhais is na Hearadh air dùnadh.