"10 bliadhna air fhàgail de Ghàidhlig sa choimhearsnachd"

Na Hearadh

Cha bhi coimhearsnachdan Gàidhlig sam bith air fhàgail ann an Alba an ceann deich bliadhna eile mura tèid modail-leasachaidh gu tur ùr a chur an sàs sna sgìrean mu dheireadh far a bheil i ga bruidhinn.

Seo a-rèir leabhair ùir air staid na Gàidhlig a tha stèidhichte air rannsachadh a chaidh a dhèanamh a’ sgrùdadh chomasan is cleachdadh na Gàidhlig thar dà bhliadhna - bho 2015 gu 2017 - ann an trì sgìrean fa leth: Tiriodh, Stafainn san Eilean Sgitheanaich, agus na h-Eileanan Siar.

Tha toraidhean an rannsachaidh a-mach air sgaradh eadar daoine nas sine na 50 bliadhna agus an fheadhainn nas òige na seo a thaobh chomasan sa chànan; le dragh gu h-àraidh mun ìre de Ghàidhlig aig an òigridh.

“Tha sinn air tòrr fianais a thogail an lùib diofar bhuidhnean, an òigridh, deugairean, is na coimhearsnachdan fhèin," thuirt Iain Caimbeul, Àrd-Neach-Rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Cleachdadh Sòisealta

"Tha sin a’ sealltainn dhuinn gu bheil cleachdadh sòisealta na Gàidhlig an lùib nan coimhearsnachdan seo cha mhòr an impis briseadh sìos a-nise.

“Ann an Uibhist a Deas, mar eisimpleir, bho na 80an, tha crìonadh còrr is 60% air tighinn san aois eadar trì bliadhna agus 17 bliadhna.

"Agus, sna h-Eileanan an Iar air fad tha an àireamh air tuiteam còrr is 40% cuideachd.”

Thuirt an t-Àrd-Oll. Conchùr Ó Giollagáin, Stiùiriche aig Soillse, gu bheil an là a-nise air fàire far an tèid a' Ghàidhlig à bith mar chànan còimhearsnachd, “Anns na deich bliadhna seo romhainn, ’s dòcha nach bi coimhearsnachd Gàidhlig ann an sgìre sam bith sna h-eileanan seo.”

“’S e a’ cheist a th’ann, carson nach eil na poileasaidhean Gàidhlig math gu leòr no freagarrach gu leòr airson an t-suidheachaidh a tha an-dràsta ann?

"Cha d’fhuair na poileasaidhean seo taic air sàilleabh nach eil na poileasaidhean seo a’ bontainn ri cor na Gàidhlig sna sgìrean seo,” thuirt e.

Co-chomann

Tha an leabhar a’ moladh co-chomann a chruthachadh airson leasachadh na Gàidhlig a thoirt air adhart; buidhean coimhearsnachd stèidhichte anns na h-eileanan agus fo smachd dìreach buidhne riochdachail de bhuill choimhearsnachd.

A’ bruidhinn às leth Riaghaltas na h-Alba, chuir Rùnaire an Ionmhais Ceit Fhoirbeis fàilte air an leabhar agus an rannsachadh air a chùlaibh.

“Tha mi a’ smaointinn gur e deagh rannsachadh a th’ann, agus tha e math gu bheil daoine mar seo a’ cantainn dè cho èiginneach is a tha an suidheachadh an-dràsta,’ thuirt i.

A thaobh a bhith a’ stèidheachadh co-chomainn ùir airson leasachadh ionadail na Gàidhlig, thuirt a' Bh-Ua. Fhoirbeis: “’S e moladh gu math inntinneach a th’ann.

"Chan eil dùil againn an-dràsta ri buidhinn eile phoblach, ach tha mi a’ smaointinn gu bheil sin a’ togail air pàirt den deasbad seo a tha gu math cudromach - chan urrainn dhut a bhith a’ dèiligeadh ris a’ chànan, mura h-eil thu a’ dèiligeadh ris na rudan eile.”

Tha an leabhar, ‘The Gaelic Crisis in the Vernacular Community’ ga fhoillseachadh Diardaoin le Oilthigh Obar Dheathain.