Slighe fhèin do gach eilean?

Cidhe Cholbhasa Image copyright Rude Health/Geograph

Chuir còrr 's 2,000 duine an ainm ri athchuinge gu Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh cothrom a thoirt do gach eilean slighe dhaibh fhèin a dhèanamh a-mach às an Lockdown.

Tha a' mhòr-chuid de mhuinntir Cholbhasa, mar eiseimpleir, ag ràdh nach bu choir an t-eilean fosgladh do luchd-tadhail fhathast.

Ged 's ann an Colbhasa a thòisich an athchuinge, chuir daoine air feadh Innse Gall an ainm rithe.

Ach tha ceist ann. Cò a dhèanadh co-dhùnadh air a' cheist?

Co-dhùnadh

"Tha mi a' mothachadh gu bheil caochladh bheachdan ann," thuirt Eleanor NicDhùghaill, a tha a' fuireach anns an Ros Mhuileach.

"Tha cuid den bheachd gu bheil e gu math cudromach fosgladh cho luath 's a ghabhas.

"Tha feadhainn eile a' faireachdainn gum bu chòir dhuinn a bhith a' fuireach dùinte.

"Agus eadar an dà bheachd sin tha beachdan eile.

"A' bruidhinn gu pearsanta, theirinn gum feum sinn fosgladh a-rithist, ach gum bu chòir dhuinn a bhith caran faiceallach mun dòigh anns a bheil sinn a' dèanamh sin," thuirt i.

Tha teagamh air a' Bh-Ua. NicDhùghaill mu bhith a' ceadachadh slighe fa leth do gach eilean.

"'S urrainn dhomh faicinn gu bheil na h-eileanan diofraichte bho chèile, ach cha bhiodh sin ag obrachadh, nam bheachd-sa, ann am Muile," thuirt i.

"Tha beachdan diofraichte ann mar a tha, 's tha e air a bhith car beag connspaideach aig amannan.

"Bhiodh e fìor dhoirbh aon bheachd fhaighinn bho mhuinntir an eilein uile gu lèir.

"A' cheist as motha a th'agamsa, cò ann an eilean a bhiodh a' dèanamh a' cho-dhùnaidh às leth mhuinntir an eilein uile gu lèir?

"Nuair a tha cùisean caran connspaideach mar a tha, cò a bhiodh a' tighinn dhan cho-dhùnadh sin?

"Tha cuid den fheadhainn aig a bheil gnìomhachasan beaga air tighinn dhan cho-dhùnadh nach urrainn dhaibh na riaghailtean a leantainn, oir tha na h-àiteachan aca ro bheag.

"Chan urrainn do dhaoine cumail air falbh bho chèile mar eisimpleir ann an cuid de na taighean-bìdhe, na taighean-òsta 's mar sin air adhart, 's bidh iadsan a' fuireach dùinte.

"Tha àiteachan eile ann, a' bhùth-obrach agam fhèin mar eisimpleir, fosgailte.

Albannaich a-mhàin?

"Tha e furasta gu leòr sin a dhèanamh, a bhith a' fosgladh ach a bhith sàbhailte aig an aon àm," thuirt i.

Am measg bheachdan a nochd ann an Colbhasa, tha turasachd fhosgladh do mhuinntir na h-Alba a-mhàin, leis gu bheil ìrean den bhìoras nas àirde ann an Sasainn.

"Bhiodh e cho doirbh a dhèanamh, nam bheachd," thuirt a' Bh-Ua. NicDhùghaill.

"Ciamar a bhiodh sin ag obrachadh?

"Tha e cho doirbh a bhith a' faighinn a-mach bhon a h-uile duine cò às a tha iad, agus dè an suidheachadh far a bheil iad, is mar sin air adhart.

"Cha ghabh e dèanamh, nam bheachd-sa," thuirt i.