MV Kaami ga thoirt às a chèile

MV Kaami Image copyright John Lawrie Metals Ltd
Image caption Chaidh an MV Kaami a thogail ann an 1994

Thugadh an MV Kaami, a chaidh air an creagan far chosta tuath an Eilein Sgitheanaich, às a chèile aig gàrradh Chiseorn.

Dhearbh a' chompanaidh John Lawrie Metals Ltd, gun deach obair dì-choimiseanadh a dhèanamh air a' bhàta-carago ann an co-bhanntachd le Port Chiseorn Earranta (KPL).

'S e obair ùr-nòsach a rinneadh air a' bhàta agus a' cumail ri riaghailtean SEPA, fhuaireadh 1,200t de stuth a thèid ath-chuairteachadh.

Image copyright John Lawrie Metals Ltd
Image caption Thug e 13 seachdain airson a' bhàta a thoirt às a chèile.

Tha KPL a' dol a chleachdadh an t-seann taigh-cuibhle mar àite 'son sealladh fhaighinn timcheall a' phuirt.

Thèid an còrr dheth a chur gu muillean stàilinn.

Chaidh an MV Kaami ann an duilgheadas faisg air 23mh Màrt 's i a' giùlain pheilearan connaidh air an dèanamh à sgudal.

Cha deach duine den chriutha a ghoirteachadh.

Bha i seòladh fo bhratach na Bahamas ach 's ann le companaidh à Nirribhidh a tha i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo