Leasachadh an Inbhir Ùige

bùth a' tuiteam as a chèile Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Bhathar toilichte mun naidheachd gu bheil 126 Àrd-Shràid Inbhir Ùige gu bhith air a leagail.

Thèid dà thogalach air Àrd-Shràid Inbhir Ùige, a bha a' tuiteam am broinn a chèile, a leagail 's thèid leasachadh a dhèanamh air na làraichean.

Chaidh na togalaichean air a bheil 'Dominoes' aig àireamh 30 agus 'Sloans' aig àireamh 126 air an Àrd-Shràid nan teine bho chionn bhliadhnaichean.

Bidh cothrom aig muinntir a' bhaile innse dè bu chòir tachairt dha na làraichean nuair a gheibh a' choimhearsnachd sealbh orra.

Tha comhairlichean ionadail air a bhith ag obair airson na togalaichean seo a leagail agus goireasean ùra a chur nan àite.

Ionmhas

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba agus 's e Caidreachas Taigheadais na Gàidhealtachd a chuireas an t-airgead gu feum airson na togalaichean a cheannach agus na làraichean a sgioblachadh.

'S ann le companaidh Argyle Properties a bha an dà thogalach agus thèid an toirt seachad gu Urras Leasachaidh Inbhir Ùige.

Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Seo bùth Dominoes agus e ann am fìor dhroch staid.

Thuirt an Comh. Raymond Bremner gu bheil e air a bhith na amas dha fhèin agus na comhairlichean eile san sgìre a bhith a' leasachadh Àrd-Shràid a' bhaile.

"Chan e rud furasta a bh' ann ach, beag air bheag, rinn sinn an gnothach agus tha sinn aig an ìre far an tèid na seann thogalaichean, a bhiodh aig aon àm breagha, a-nise a leagail.

Leasachadh

"Tha mi an dòchas gum bi muinntir a' bhaile toilichte le na thathas a' dèanamh agus gun tèid obair-leasachaidh air adhart", thuirt e.

Tha dùil gun tòisich an obair a dh'aithghearr 's gum bi na làraichean deiseil airson ath-leasachadh aig deireadh na bliadhna.

Bidh cothrom aig a' choimhearsnachd beachdan a thoirt seachad dhan Urras a thaobh dè bu chòir a chur nan àite.