10 an grèim 'son dràibheadh bho bhuaidh na dibhe no drugaichean

Suaidheantas Image copyright Police Scotland

Chaidh deichnear a chur an grèim air a' Ghàidhealtachd thairis air an deireadh-sheachdain 'son dràibheadh bho bhuaidh na dibhe no drugaichean.

Thuirt Poileas Alba gun do dh'fhàilig ceathrar fhireannach eadar 20 agus 44 ann an Inbhir Nis, An Aghaidh Mhòr agus Alanais deuchainn dhrugaichean.

Dh'fhàilig sianar deuchainn na dibhe, nam measg boireannach a bh' air a bhith ann an tubaist rathaid faisg air a' Bhlàr Dhubh.

Tha iomairt nam poileas a' dol fad cola-deug 'son feuchainn ri smachd fhaighinn air daoine a tha a' dràibheadh an dèidh a bhith a' gabhail dhrugaichean mì-laghail no ag òl cus.