Làrach-lìn ChalMac fo uallach

bata-aiseag Image copyright CalMac

Le iarrtas mòr air tiocaidean air seirbheisean ChalMac, bhris an làrach-lìn aca 's iad a' fosgladh siostam-bucaidh airson sheòlaidhean thairis air a' chola-deug a tha romhainn.

Dh'fhosgail an siostam aig 0900 madainn Dimàirt agus bha trioblaidean mòra aig daoine faighinn seachad air butan airson bucadh, ach tha iad air sin a chur ceart a-nise.

Thuirt a' chompanaidh gun robh duilgheadasan aca leis an làraich air sailleamh 's gun robh na h-uiread a' feuchainn air aig an aon àm.

Le astarachadh sòisealta, chan urrainn na seòlaidhean ach 18% den luchd-siubhail àbhaisteach a tharraing.

Tha mòran air a bhith a' gearan air na meadhanan-sòisealta nach eil an siostam ag obair agus nach eil iad a' faighinn freagairt fiù 's nuair a tha iad a' fònadh.

Thuirt làbhraiche Chal Mac gu bheil iad a' toirt taing dhan luchd-cleachdaidh 'son a bhith foighidneach.

Thuirt e gu bheil loidhnichean-fòn fosgailte, ach a-rithist le àireamh mhòr a' feuchainn, feumaidh daoine feitheamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo