Cluicheadair ùr eile aig County

Regan Charles-Cook Image copyright Ross County
Image caption Bha Gillingham airson Regan Charles-Cook a chumail ach tha e air co-dhùnadh gluasad gu Ross County.

Tha Ross County air cur ris an sguad aca a-rithist is Regan Charles-Cook air ainm a chur ri cùmhnant dà bhliadhna ann an Inbhir Pheofharain.

Bha Charles-Cook, a tha 23 is a tha a' cluich ann am meadhan na pàirce, mu dheireadh còmhla ri Gillingham.

Bha e aig Arsenal mar bhalach is bhrist e troimhe aig Charlton Athletic.

Chuir Charles-Cook ùine seachad air iasad aig Solihull Moors is Woking mus deach e gu Gillingham.

Dh'innis Gillingham gun robh iad 'son Charles-Cook a chumail is thuirt iad gu bheil iad an dòchas gun soirbhich leis ann an Alba.

Adhartas

"Tha sinn air bhioran mu Regan", thuirt manaidsear Chounty, Stiùbhart Kettlewell.

"Ged a tha e òg tha e air cluich aig deagh ìre. 'S e ceum suas a bhios ann dha a bhith a' cluich ann am Prìomh Lìog na h-Alba ach obraichidh sinn còmhla ris airson dèanamh cinnteach gun soirbhich leis.

"Tha sinn a' feuchainn an-dràsta ri cluicheadairean òga fhaighinn le beagan eòlais ach miann adhartas a dhèanamh is tha sinn den bheachd gur e sin a th' againn le Regan", thuirt e.

Tha County air a bhith trang anns na làithean mu dheireadh is iad a' feuchainn ris an sguad aca a neartachadh.

Chuir Alex Iacovitti is Connor Randall ainm ri cùmhnantan is thàinig Stephen Kelly air iasad bho Rangers.

Thathas an dùil gun tòisich a' Phrìomh Lìog às ùr air an 1mh den Lùnastal.