Achd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Achd na Gàidhlig fon phrosbaig

30 An t-Ogmhìos 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Le rannsachadh mòr ùr air cho cugallach 's a tha a' Ghàidhlig gu bhith air fhoillseachadh an t-seachdain seo, bidh am prògram Eòrpa a' coimhead oidhche Mhàirt ri 15 bliadhna bho thàinig Achd na Gàidhlig gu bith.

Bha dòchas ann gun toireadh an t-achd tuilleadh cothruim do Ghàidheil a' Ghàidhlig a chleachdadh nam beatha làitheil agus gum biodh buidhnean poblach a' toirt seachad sheirbheisean sa Ghàidhlig.

A bheil sin air tachairt?

Chìthear tuilleadh air Eòrpa air BBC ALBA aig 9f Dimàirt.

Tha Alasdair MacLeòid ag aithris.