Dragh mun Ghaeilge an Ráth Chairn

Eaglais Naomh Pádraig ann an Ráth Chairn. Image copyright Geograph / Kieran Campbell
Image caption Eaglais Naomh Pádraig ann an Ráth Chairn.

Tha dragh ann gun toir leasachadh taigheadais ùr fìor dhroch bhuaidh air a' Ghaeilge ann an tè de na sgìrean Gaeltachta ann an Èirinn.

Chaidh Gaeltacht bheag Ráth Chairn, ann an Contae na Mì, a stèidheachadh ann an 1935 le teaghlaichean a ghluais bhon taobh siar air ghealltanas gum faigheadh iad taigh agus fearann ann, agus 's e a' Ghaeilge cànan oifigeil na sgìre.

Tha dragh sa choimhearsnachd a-nise ge-tà, is cead air a thoirt seachad 'son suas ri 30 taigh ùr is taigh-òsta sa bhaile.

Bha sin a dh'aindeoin is gun robh neach-sgrùdaidh-dealbhachaidh a' moladh cead a dhiùltadh is rabhadh aige gun toireadh an leasachadh droch bhuaidh air dualchas na sgìre.

Milleadh

Thuirt a' bhuidheann coimhearsnachd Comharchumann Ráth Chairn gun tèid milleadh a dhèanamh air a' chànan ma thèid an leasachadh air adhart.

Dh'innis iad gu bheil e a' dol calg-dhìreach an aghaidh plana-oifigeil gus cor na Gaeilge a neartachadh san sgìre.

Tha iad ag ràdh gu bheil an co-dhùnadh na bhriseadh-dùil mòr is gun toir iad a' chùis dhan Àrd-Chùirt.

Chaidh athchuing a thòiseachadh cuideachd gus aire a thogail mun ghnothach.

Taic

Tha a' bhuidhean iomairt Misneachd ann an Alba a' cur taic ris an iomairt.

"Tha buidheann de dhaoine gu math òg (ann an Ráth Chairn) a tha uabhasach fhèin gnìomhach. Tha iad a' cur air dòigh thachartasan, tha iad a' cumail inbhe a' chànain gu math àrd san sgìre", thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd.

"S e daoine bhon choimhearsnachd fhèin a tha strì is tha plana aca an àireamh de luchd-labhairt làitheil àrdachadh 10% thairis air seachd bliadhna.

"Tha iad a' cur a-steach an t-uabhas iad fhèin gus Gaeilge a dhìon agus an uairsin tha co-dhùnadh mar seo a' tighinn a-steach.

Ceist

"Tha e gu bhith doirbh dhaibh cumail a' dol ma tha an t-uabhas a' gluasad a-steach", thuirt e.

Dh'innis Mgr Mac a' Bhàillidh cuideachd gu bheil ceist ann mu dè dìreach cho fileanta ann an Gaeilge 's a bhiodh daoine a ghluaiseadh a-steach, fiù 's ged a bhiodh iad ag ràdh gun robh an cànan aca.

Tha a' buidheann Conradh na Gaeilge ag ràdh gu bheil an suidheachadh na "bhriseadh-dùil".

Thuirt an An Bord Pleanála, a rinn an co-dhùnadh deireannach, gun cuir an leasachadh ri seasmhachd a' bhaile.

Dh'innis iad gu bheil iad riaraichte gum bi 70% de thaighean ùra ann 'son luchd-labhairt na Gaeilge is mar sin nach bi buaidh mhòr sam bith air a' chànan no air a' Ghaeltacht.