'Tour de France' air-loidhne

Rèis bhiortail Image copyright Zwift
Image caption Thèid an earrann mu dheireadh den rèis a chumail air an Champs-Elysées ann am Paris ann an cruth bhiortail.

Thèid 6 earrannan den Tour de France a chumail air-loidhne ann an cruth bhiortail 'son a' chiad turais.

Mar thoradh air a' Choròna-bhìoras, tha an ASO, a' bhuidheann a tha an urra ris an Tour de France, ag obair leis a' chompanaidh Zwift airson na rèisean a chumail ann an cruth didseatach.

Bidh 40 sgioba proifeiseanta a' gabhail pàirt, le rèisean nam fear agus rèisean nam ban a' faighinn co-ionnanachd aig a h-uile ìre den tachartas.

Am measg nam boireannach a bhios a' rèiseadh air baidhseagalan bhiortail, bidh Marianne Vos, Kirsten Wild agus Anna Van der Breggen.

Agus chaidh a dhearbhadh gum bi Chris Froome, Geraint Thomas agus Egan Bernal a' gabhail pàirt ann an rèisean nam fear.

Craoladh

Tha dùil gun tèid na rèisean a chraoladh beò ann an 130 dùthaich air feadh an t-saoghail.

Bidh an tachartas cuideachd a' togail ionmhais do chòig bhuidhnean carthannais eadar-nàiseanta.

'S ann air a' phrògram choimpiutaireachd Zwift a thèid na rèisean a chumail.

Image copyright Zwift
Image caption Bidh geansaidhean ainmeil an Tour de France fhathast rim faicinn ann an cruth didseatach.

Tha am bathar-bog aca a' toirt cothruim do luchd-baidhseagail le uidheamachd-trèanaidh eileagtronaigeach coinneachadh air-loidhne agus siubhal air rathaidean bhiortail.

Mar phàirt den obair airson an tachartas a chumail air-loidhne, chaidh rathaidean ainmeil san Fhraing ath-chruthachadh ann an riochd didseatach, an Champs-Elysées nam measg.

'S e an Tour de France tè de na farpaisean rothaireachd as motha agus as ainmeile san t-saoghal.

Coròna-bhìoras

Bha dùil gum biodh rèis na blaidhna-sa a' tachairt eadar 27mh den Ògmhios agus 19mh den Iuchar ach chaidh a chur dheth gu deireadh an Lùnastail ri linn a' Choròna-bhìorais.

Thuirt Stiùiriche an Tour de France, Christian Prudhomme, nach biodh e ceart mura robh rothaireachd a' tachairt san Iuchar.

"Mar thoradh air an Tour de France bhiortail, a thèid a chraoladh air an telebhisean, bidh cothrom aig na farpaisich agus aig an luchd-leantainn an toll a chaidh fhàgail leis an Tour de France a lìonadh.

"Tillidh an tachartas dhan phoball ann an Nice air an 29mh den Lùnastal. Tha an Tour Bhiortail a' cur teicnòlais an sàs airson an gràdh air rothaireachd agus ìomhaigh an spòrs a chur mu choinneamh a h-uile duine", thuirt e.

Image copyright Zwift
Image caption Bidh rèisean nam ban a' faighinn co-ionnanachd ri rèisean nam fear aig a h-uile ìre den tachartas bhiortail.

Bidh na lèintean ainmeil aig an rèis, mar an lèine bhuidhe agus an tè dhotagach dhan sreapadair as luaithe, fhathast rim faicinn.

Ach bidh na rèisean fhèin ag obair ann an dòigh eadar-dhealaichte bhon tachartas àbhaisteach.

An àite farpaiseach fa-leth, thèid na puingean a thoirt do na sgiobaidhean a shoirbhicheas.

Faodaidh iadsan an uair sin co-dhùnadh cò an rothaiche a gheibh an cothrom an geansaidh ainmeil a chur orra.

Urram

Thuirt Àrd-oifigear Zwift, Eric Min: "Chan eil dad nas motha na an Tour de France ann an saoghal na rothaireachd.

"Nuair a bha mi nam bhalach òg, bhithinn air mo bheò-ghlacadh air beulaibh an telebhisein fad trì seachdainnean san Iuchar.

"Mar sin 's e urram mòr a th' ann gu bheil comas aig Zwift a' chiad earrann bhiortail a chumail am-bliadhna."

Tòisichidh na rèisean Disathairne 4mh den Iuchair.

Agus thig na tachartasan gu crìch ann am Paris mas fhìor Didòmhnaich 19mh den Iuchar.

A bharrachd air na rèisean proifeiseanta, bidh cothrom aig luchd-baidhseagail - a tha a' pàigheadh 'son ballrachd le Zwift - a dhol an sàs ann an tachartasan air na rathaidean ùra bhiortail cuideachd.

Thig na tachartasan acasan gu ceann air mullach Mont Ventoux bhiortail air an aon là ris na rèisean oifigeil.