Oidhirp air foill aig an UHI ga rannsachadh

UHI

Chaidh rannsachadh a chur air dòigh às dèidh oidhirp air seiminear aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a chleachdadh airson foill a dhèanamh.

Bha còrr is 100 duine an lùib an t-seimineir air loidhne aig Colaiste Inbhir Nis UHI an t-seachdain seo chaidh, is còrr is 500 air ùidh a shealltainn ann tro dhuilleig air Facebook.

Dh'innis feadhainn dhiubh gun robh tàire aca loggadh a-steach an toiseach is gun deach an cur an uair sin gu duilleig eile.

Chaidh iarraidh orra an sin ainm is seòladh is àireamh càirt-creideis a thoirt seachad.

Amharasach

Chuir feadhainn a bha droch amharasach mun chùis fios air a' Cholaiste.

Dhearbh Colaiste Inbhir Nis UHI gun robh oidhirp air foill phishing air tachartas air-loidhne a bh' aca is gu bheil na sgiobaidhean IT aca a' rannsachadh.

Thuirt iad gu bheil air fios a chur air a h-uile duine air am faodadh an suidheachadh a bhith air buaidh a thoirt.

Dh'innis a' Cholaiste cuideachd gu bheil iad air fios a chur air Poileas Alba agus air Facebook.

Thuirt iad nach eil cunnart ann do shiostaman an UHI.