Urram 'son Isobel Harling

Isobel Harling
Image caption Isobel Harling agus a nigheann Gaynol.

Chaidh urram a bhuileachadh air boireannach à Ceann a' Ghiuthsaich a sgioblaich uaighean cogaidh sa bhaile fad 70 bliadhna.

Fhuair Isobel Harling, 97, urram BEM aig seirbheis sa bhaile air an deireadh-sheachdain.

Chaochail naoinear shaighdearan às na h-Innseachan bho Fheachd K6 nuair a bha iad a' trèanadh air a' Ghàidhealtachd aig àm an Darna Cogaidh.

Image copyright Gerald Lennon
Image caption Tha Isobel Harling air a bhith a' cumail nan uaighean ann an òrdugh fad 70 bliadhna.

Cha robh am fear as òige, Mushtaq Ahmad, ach 21 nuair a chaochail e san Dàmhair 1942.

Chaill a' Bh.Ph. Harling a bràthair sa chogadh is bha dragh oirre nach robh duine a' coimhead às dèidh uaighean nan saighdearan Innseannach ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Thòisich i fhin gan sgioblachadh is gan cumail ann an òrdugh nuair a bha i anns na 20an is i cuideachd a' gearradh an fheòir sa chladh thar nam bliadhnaichean.

Image copyright MOD

Tha i cuideachd air na mìlltean notaichean a thogail airson uaighean cogaidh is carraighean-cuimhne eile ann am Bàideanach a chumail ann an deagh òrdugh.

Bha Isobel agus a nigheann Gaynol an làthair aig an t-seirbheis air an deireadh-sheachdain.

Chaidh a craoladh air loidhne cuideachd gus am b'urrainn do theaghlach is caraidean a leantainn.