Ceist mu chosgaisean an UHI

UHI Image copyright Geograph / Alpin Steward

Thathas a' fàgail air Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil iad a' cosg barrachd airgid phoblaich air àrd-mhanaidsearan na bhios oilthigh sam bith eile an Alba.

Dh'fhoillsich Comann Oileanach an UHI gu bheil cunntasan deireadh bliadhna an oilthigh a' sealltainn cosgais mu £4.7m air tuarastal àrd-mhanaidsearan.

Thuirt iad gu bheil seo £3.2m a bharrachd na Oilthigh Chill Rìmhinn agus £3.3m a bharrachd na Oilthigh Thaobh Siar na h-Alba, oilthigh le àireamh choltach de dh' oileanaich 's a tha aig an UHI.

Mar ionadan foghlaim eile, tha an UHI air a bhith a' fulang ri linn suidheachadh Covid-19.

Dh'innis Colaiste Inbhir Nis UHI mar-tha gum bi aca ri £800,000 a shàbhaladh ann an cosgaisean luchd-obrach sa bhliadhna ri tighinn.

Duilgheadasan

Dh'iarr Comann nan Oileanach gun coimhead àrd-mhanaidsearan air dòighean gus airgead a chùmhnadh san aithghearrachd, gun a bhith a' gearradh na tha de luchd-acadaimigeach sa bhuidhinn.

"Tha fios againn gu bheil duilgheadasan ionmhais aig an UHI is gu bheil Covid a' cur ris a sin", thuirt Ceann-suidhe Chomann nan Oileanach, Ailean Simpson.

"Tha sinn airson 's gun coimhead iad air na tha iad a' cosg air stiùirichean mus dèan iad gearraidhean air luchd-acadaimigeach is luchd-taic", thuirt e.

Dh'innis Mgr Simpson gu bheil Comann nan Oileanach gu làidir den bheachd gu bheil cothrom ann airgead a shàbhaladh le seirbheisean is eòlas a roinn air feadh lìonra an UHI.

Thuirt an UHI gu bheil suidheachadh sònraichte an oilthigh le sreath de cholaistean neo-eisimeileach is ionadan rannsachaidh a' fàgail nach gabh coimeas a dhèanamh eadar na cosgaisean aca is oilthighean eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile