Obair gus tòiseachadh air taighean Stafainn

Stafainn Image copyright Urras an Taobh Sear
Image caption Dealbh air cò ris a bhios an leasachadh coltach.

Dh'innis Urras an Taobh Sear gu bheil iad air pìos fearainn a cheannach ann an Stafainn far an tèid sia taighean ùra, ionad-slàinte, agus ionad-gnothachais a thogail.

'S e seo a' chiad sgeama gus taighean aig prìs reusanta a thogail san sgìre ann an 21 bhliadhna.

Thathas an dùil gun tèid tòiseachadh air an obair ann am beagan sheachdainnean.

Tha sia bliadhna ann bho chuir Urras an Taobh Sear romhpa taighean ùra a thogail aig prìs reusanta, is rannsachadh air sealltainn mar a bha àireamh an t-sluaigh san sgìre a' tuiteam.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad ann an 2018.

Ùidh

Dhearbh an t-Urras gu bheil iad a-nise air làrach faisg air Bun-Sgoil Stafainn a cheannach bho Bhaile Steinnseill agus Oighreachd Chille Mhoire airson £70,000 le taic-airgid bho Stòras an Fhearainn.

Dh'innis Urras an Taobh Sear cuideachd gun tàinig taic £99,000 bho Mhaoin Leasachaidh SSE air a' mhìos seo chaidh, is gu bheil iad an dòchas dearbhadh fhaighinn air an taic-airgid mu dheireadh a bhios a dhìth orra "cho luath 's a ghabhas".

Thuirt an t-Urras gu bheil deich teaghlaichean is daoine air ùidh a shealltainn anns na taighean ùra mar-thà, is gu bheil ùidh aig còig buidhnean air àite anns an ionad-gnothachais.

"Tha e dìreach iongantach cho fada 's a tha seo air toirt dìreach gu faighinn faisg air àm far an urrainn dhuinn tòiseachadh air togail", thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, a bha roimhe na chathraiche air an Urras agus a tha a' cur taic riutha.

"Dòchas"

"Tha na taighean ùra a' ciallachadh gun urrainn do dhaoine a bhith a' fuireach sa choimhearsnachd.

"Chun na h-ìre seo tha daoine air a bhith air an tàladh gu h-àraid a dh'ionnsaigh Phort Rìgh agus àiteachan eile san eilean nuair nach b' urrainn dhaibh taighean fhaighinn dhaibh fhèin san sgìre.

"Tha e a' toirt beagan dòchais cuideachd dhan bhun-sgoil, gu h-àraid ma thig teaghlaichean òga a-staigh dha na taighean seo, agus bidh e math airson eaconomaidh na sgìre cuideachd", thuirt e.

Dh'aidich Mgr Dòmhnallach gun robh "iomadh cnap-starra" air a bhith ann leis a' phròiseict thuige seo, ach thuirt e nach dùil a-nise gun tig dàil a bharrachd.

Tha Urras an Taobh Sear ag obair ann an co-bhanntachd air a' phròiseict le Urras Taigheadais Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd agus Comann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich.

Thug iad taing do chroitearan Steinnseill agus an oighreachd airson gach taic.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile