£8m do ghnìomhachasan Eileanach tro staing bhìorais

Suaidheantas

Chaidh faisg air £8m a thoirt do ghnìomhachasan nan Eilean Siar ann an grantaichean 'son an cuideachadh tro staing a' Choròna-bhìorais.

Chaidh sgeama an Riaghaltais Albannaich a thòiseachadh deireadh a' Mhàirt, agus 's ann tro Chomhairle nan Eilean Siar a tha an t-airgead ga thoirt seachad.

Tha cothrom fhathast aig gnìomhachasan tagradh a dhèanamh 'son taice ron 10mh Iuchair 2020.

Tha trì roinnean de ghrantaichean ri fhaighinn 'son feuchainn ri obraichean a dhìon, stad a chur air gnìomhachasan a dhol fodha, agus a' toirt taice ann a bhith a' faighinn seachad air an t-suidheachadh.

Leudachadh

Gheibh gnìomhachasan beaga grantaichean luach £10,000 no £7,500 ma tha iad a' faighinn faochaidh shònraichte air reata-gnothachais.

Tha grantaichean luach £25,000 no £18,750 airson bùithdean, chompanaidhean aoigheachd agus chur-seachadan ma tha togalaichean aca le luach reatachail sònraichte.

Chaidh an sgeama a leudachadh bho chionn ghoirid a' toirt a-steach dhaoine a' ruith gnìomhachais ann an àite a tha air màl aca, fhad 's a tha aonta-pàipeir aca, 's gu bheil daoine a' faighinn cosnaidh aca agus gu bheil cunntas banca gnìomhachais aca.