Peanasan nas motha airson ionnsaighean chon

Caoraich

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Dihaoine mu reachdas gus peanasan nas motha a chur air daoine aig a bheil coin a tha a' maoidheadh no a' toirt ionnsaigh air stoc.

Dh'iarr Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail beachdan mun bhile, a tha ag amas air an lagh a th' ann cheana a neartachadh.

Bheireadh am Bile cumhachd rannsachaidh agus smachdachaidh do dh'oifigearan agus dheadh binn sia mìosan sa phrìosan, no càin £5,000 - no an dà chuid - air daoine a thèid fhaighinn cionntach.

Bheireadh e cuideachd cothrom do chùirtean cead a thoirt air falbh bho dhaoine coin a chumail no coin a thoirt air talamh àitich far a bheil beathaichean.

Tha am Bile a' toirt chumhachdan ùra do na Poilis agus inspeactairean a thaobh a bhith a' glèidheadh chon gus dearbhadh cò leis a tha iad.

Tha e cuideachd ag amas air ùrachadh a dhèanamh air an liosta de bheathaichean a th' air aithneachadh mar stoc.

Thuirt fear-gairm na Comataidh, am BPA Eideard Mountain, gun robh iad a' sireadh bheachdan gus am faigh iad tuigse nas fheàrr air a bheil reachdas ùr a dhìth agus a bheil na cumhachdan agus peanasan freagarrach agus iomchaidh.