Comhairle na Gàidhealtachd gan càineadh

Oifisean Comhairle na Gàidhealtachd

Tha càineadh ga dhèanamh air buidhinn riaghlaidh Chomhairle na Gàidhealtachd, leis nach do chuir iad a-steach airson taic-airgid fo sgeama fòrlaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Ged nach b'ann air an roinn phoblaich a bha an sgeama ag amas, tha cuid de dh'ùghdarrasan ionadail air a chleachdadh airson dìon a chur air an cuid ionmhais.

Sheall rannsachadh a rinn am BBC gun tig barrachd chosgais air Comhairle na Gàidhealtachd a-rèir àireamh an t-sluaigh na thig air ùghdarras ionadail sam bith eile am Breatainn ri linn suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Thuirt an Comhairliche SNP Ron MacUilleim, gu bheil coltas ann nach do rinn a' bhuidheann riaghlaidh rannsachadh ceart air mar a dh'fhaodadh iad feum a dhèanamh den sgeama.

Cùmhnantan Mionaideach

"Tha e do-chreidsinneach gun deach ceist bhunaiteach mun sgeama riaghaltais as fhialaidh ann an eachdraidh, an sgeama fòrlaidh, a chur iomadh turas, agus nach robh fiù 's aon àrd-chomhairliche air chomas a' cheist a fhreagairt," thuirt Mgr MacUilleim.

"'S e adhbhar mòr dhragh a tha seo, agus coltas ann gu bheil ùghdarrasan ionadail air feadh na Rìoghachd Aonaichte air cur a-steach airson na sgeama, airson grunn cheudan de luchd-obrach a chur air fòrladh ann an cuid de shuidheachaidhean, gus cuid den bhuil as miosa den phandemic a sheachnadh.

"Ma thig e am follais gur ann air sgàth nach do chuir iad a-steach air a son a chaill Comhairle na Gàidhealtachd a-mach air an taic seo, 's e cùis uabhais a bhiodh an sin," thuirt e.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil cùmhnantan gu math mionaideach an cois na sgeama fòrlaidh, a tha a' cur casg air luchd-obrach ùghdarrasan ionadail sa mhòr-chuid de chùisean, seach gur ann bhon sporran phoblach a thathas gam pàigheadh co-dhiù.

Thuirt labhraiche cuideachd gun deach mòran de luchd-obrach na Comhairle a chur a dh'obair eile mar phàirt de fhreagairt na Comhairle don t-suidheachadh.