Cead ga thoirt do phort-fànais

Ro-dhealbh den ionad Image copyright HIE

Cho-dhùin comhairlichean cead dealbhachaidh a thoirt seachad airson port-fànais ann an Dùthaich MhicAoidh.

'S ann sa Mhòine - sgìre de mhòintich air a' chosta - faisg air Taobh Mhealanais, a tha an làrach.

Bha oifigearan Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh gum bu chòir cead a thoirt don phròiseact.

Bha 457 duine a' dol na aghaidh ge-tà, le 118 duine air fios a chur air a' Chomhairle 's iad a' cur taic ris a' phròiseact.

Tha an cead a' sònrachadh nach faod ach 12 rocaid a bhith air an cur suas a h-uile bliadhna às an ionad, agus dragh ann mu na thuiteas de sgudal phlastaig agus mheadailte dhan mhuir gach turas.

Cosnaidhean is Truailleadh

A rèir aithisg nan oifigearan, dh'fhàgadh 12 rocaid gun tuiteadh mu chòig tunnaichean de phlastaig dhaingnichte, agus seachd tunnaichean de dh'aloidh mheatailte dhan mhuir a h-uile bliadhna.

Dhaibhsan a th' air a shon ge-tà, tha a bhith a' leasachadh chothroman cosnaidh ann an sgìre far a bheil a leithid gu math gann, cudromach.

Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, (HIE) gun cum an t-ionad 177 duine ann an cosnadh air feadh na h-Alba ro 2024 - 139 dhiubh air Ghàidhealtachd, agus còrr air 40 ann an Dùthaich MhicAoidh fhèin.

Dh'aontaich HIE £17.3m de mhaoineachadh dhan phròiseact, mu choinneimh obair dealbhachaidh agus togail.

'S ann bho HIE fhèin a thig £9.8m dhen a sin, le Ùghdarras an Dì-choimiseanaidh Niuclasaich a' cur £5m ris, agus Buidheann Fànais na RA £2.5m.

Tha Ùghdarras an Dì-choimiseanaidh Niuclasaich an sàs mar phàirt den dleastanas a th' orra obraichean a chruthachadh an àite na chaillear nuair a dhùineas seann Ionad Niuclasach Dhùn Rath ann an Gallaibh air a' cheann thall - fear de na h-àiteachan as motha a tha a' cumail cosnaidh ri daoine an ceann a tuath na Gàidhealtachd an-dràsta.