Maoim-slèibhe air loidhne-rèile Mhalaig

neach-obrach na rèile Image copyright Network Rail

Chaidh loidhne-rèile Thaobh Siar na Gàidhealtachd a dhùnadh feasgar Diardaoin eadar Loch Ailleart agus Gleann Fhionnainn le maoim-slèibhe.

Dh'iarr Scotrail air duine a bha a' siubhal eadar an Gearasdan agus Malaig air adhbhar deatamach fios a chur orra.

Tha a h-uile coltas gum bi an loidhne dùinte airson greis leis a' mhilleadh a chaidh a dhèanamh.

Bha meallan troma le tàirneanach is dealanach nan cois feasgar Dhiardaoin air a' chosta an iar agus dh'abhraich sin a' mhaoim-slèibhe.

Image copyright Network Rail

Chaidh còrr air dusan lasair-dealanaich a chlàradh ann am Barraigh.

Image copyright Katie Walker
Image caption Lasair dealain ann an Caolas Bharraigh