Cead tadhail air dachaighean-cùraim

Làmhan

Bidh cead aig daoine an Alba tadhal air an luchd-dàimh ann an dachaidhean-cùraim bhon 3mh Iuchair ma 's e is gu bheil an dachaigh saor bho Chovid-19.

Tha barrachd dhaoine air bàsachadh le ceangal aig am bàs ris a' Choròna-bhìoras ann an dachaighean-cùraim na ann an ospadalan.

Ach thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman gun deach 'mòran adhartais' a dhèanamh thairis air na seachdainean a chaidh seachad.

Thuirt i gum faod luchd-còmhnaidh aon neach 'ainmichte' a bhith a' tadhal orra, fhad' 's nach eil am bhìoras air a bhith air duine san dachaigh airson 28 là.

Sàbhailteachd

Feumaidh an neachd-còmhnaidh agus an neach ainmichte fuireach a-muigh, agus 2m a chumail bho chèile 's feumaidh còmhdach-aodainn a bhith orra.

A rèir nan dàta as ùire tha amharas ann gu bheil aon chùis den Choròna-bhìoras ann an 31% de dhachaighean-cùraim do dh'inbhich an Alba, le 64% air aon chùis a chlàradh aig àm air choireigin.

Thuirt Ms Freeman gu bheil "Dachaighean-cùraim sa chiad àite nan dachaighean do dhaoine, agus tha e cudromach a-nis gum faigh sinn dòighean sàbhailte anns an urrain do luchd-còmhnaidh coinneachadh ri na teaghlaichean is na caraidean aca a-rithist".

Ach thuirt gu bheil seo ga dhèanamh gu faiceallach airson a bhith cinnteach gu bheil luchd-obrach agus luchd-còmhnaidh air an dìon.