"Dùbhlain mhòra" mu choinneimh MG ALBA

Joy Dunlop Image copyright MG ALBA
Image caption Bha Còisir Eurovision am measg nam prògraman ciùil beò air BBC ALBA a chòrd gu mòr ris an luchd-amhairc.

Tha "dùbhlain mhòra" mu choinneimh MG ALB,A a rèir Chatharaiche na buidhne 's iad a' foillseachadh na h-aithisg bhiadhnail aca.

Dh'innis a' bhuidheann gu bheilear air sreath chòmhraidhean a chumail le Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte, am BBC agus Ofcom mu chraoladh Ghàidhlig san àm ri teachd.

Ged a thàinig àrdachadh air an ìre aig an robh luchd-amhairc BhBC ALBA air an riarachadh le prògraman an t-seanail anns a' bhliadhna a dh'fhalbh, le buidseatan a' teannachadh thuirt Ailean Dòmhnallach gum feumar a bhith nas innleachdaiche a thaobh mar a thathas a' cruthachadh phrògraman ùra.

Uairean

Dh'aidich a' bhuidheann a tha a' ruith an t-seanail, cuide ris a' BhBC, nach do ràinig iad na targaidean aca a thaobh àireamh an luchd-amhairc ge-tà, am measg coimhearsnachd na Gàidhlig no gu h-iomlan.

Ach thàinig fàs 79% air na tha a' cleachdadh nam meadhanan sòisealta is didseatach airson BBC ALBA agus tha an goireas air-loidhne aca LearnGaelic air soirbheachadh gu mòr - suas 43%.

Tha àrdachadh 5% bliadhna an dèidh bliadhna ann an seallaidhean air iPlayer a' BhBC cuideachd.

Tha MG ALBA air a bhith gu mòr an sàs ann an obair le companaidhean craolaidh bho dhùthchannan cèine, agus tha luach a-staigh de £3.1m air an obair seo.

Ceòl

A dh'aindeoin sin, chaidh na h-uairean de phrògraman ùra gach là aig MG ALBA agus aig a' BhBC sìos bho 1.9 uairean airson na bliadhna 2018/19, gu 1.8 uair de phrògraman ùra gach là airson 2019/20.

Tha prògraman ciùil ùra agus prògraman ciùil beò aig cridhe a' chlàir aig MG ALBA.

Le Belladrum, Na Trads, Cèilidh na Bliadhn' Ùire, Còisir Eurovision, Ceòladair Traidiseanta Òg na Bliadhna aig BBC Radio Scotland, Ceoil, agus Celtic Connections nam measg a' còrdadh gu mòr ris an luchd-amhairc.

Tha an t-seanail ainmeil mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba 's chaidh sin a dhaingneachadh.

Chaidh geamannan na h-Alba aig Cupa Cruinne FIFA nam Ban, ball-coise Eòrpach nam ban, a chraoladh agus chaidh geamaichean ball-coise nam ban aig an taigh a' shealltainn cuideachd.

A bharrachd air sin, bha rugbaidh eadar-nàiseanta agus geamaichean air an cluich aig an taigh agus croladh air an t-seanail.

Dùbhlain

Thuirt Cathraiche MG ALBA, Ailean Dòmhnallach, gu bheil Aithisg Bhliadhnail na bliadhna seo a' daingneachadh nan dùbhlan mòra a tha mu choinneimh MG ALBA, gu sònraichte nuair a thig e gu bhith a' lìbhrigeadh a' chompàirteachais aca le BBC ALBA.

"Is e an fhìrinn nuair a bhios buidseatan a' teannachadh ann an da-rìribh, feumaidh sinn a bhith nas innleachdaiche a thaobh mar a chruthaicheas sinn prògraman ùra.

"Tha e na thogail dhuinn gu bheil sinn a' lìbhrigeadh susbaint shònraichte ioma-ùrlair, a' togail luchd-amhairc didseataich, a' meudachadh luachadh an luchd-amhairc, agus a' brosnachadh barrachd dhaoine na bha a-riamh a dhol an sàs leis a' Ghàidhlig," thuirt e.

Cruthachail

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA gu bheil na còmhraidhean mu Chraoladh Seirbheis Poblaich cudromach airson nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd air iomadach adhbhar, nam measg maoineachadh a' BhBC san àm ri teachd agus an solar poileasaidh a tha riatanach airson craoladh Gàidhlig.

"Anns a' bhliadhna a tha romhainn, cuiridh sinn seachad cuibhreann sònraichte de ar n-ùine agus goireasan gus bunaitean poileasaidh nam meadhanan Gàidhlig a shoilleireachadh agus a neartachadh anns an àrainneachd mheadhanan ioma-chruth seo a tha a' sìor fhàs measgaichte agus farpaiseach.

"Leanaidh sinn oirnn a' sireadh làn-chinnt mu mhaoineachadh gus seirbheis mheadhanan Gàidhlig ioma-chruth a lìbhrigeadh san àm ri teachd, a' togail air na h-ìrean àrda de shàsachd susbaint gus buaidh luchd-amhairc, cànan, cultar, agus cùisean sòisealta agus eaconamach a mheudachadh," thuirt e.