NHS na Gàidhealtachd "deiseil" Home Farm a ghabhail thairis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

NHS na Gàidhealtachd "deiseil" Home Farm a ghabhail thairis

25 An t-Ogmhìos 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt BPA an Eilein Sgitheanaich, Ceit Fhoirbeis, gu bheil NHS na Gàidhealtachd deiseil airson dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh a ruith.

Ach thuirt i cuideachd nach deach co-dhùnadh a ruighinn fhathast gun tèid a thoirt air falbh bhon chompanaidh aig a bheil e an-dràsta, HC-One. 

Bha seo às dèidh do BhP na sgìre, Ian Blackford a ràdh Diciadain gur ann le NHS na Gàidhealtachd a bhiodh Home Farm ro dheireadh an t-Samhraidh - ged a chaidh tagradh airson cead a thoirt air falbh bho HC-One a bhith ga ruith a leigeil seachad aig Cùirt an t-Siorraim.

Thuirt HC-One gu bheil iad toilichte le co-dhùnadh na cùirte, a bha ag aithneachadh gu bheil adhartas air a bhith ann. 

Thuirt iad gum bi iad ag obair gu dlùth còmhla ri NHS na Gàidhealtachd gus na leasachaidhean a chumail a' dol is gur e cùram an luchd-còmhnaidh an rud as cudromaiche a th' ann dhaibh.