Toll £96m ro Chomhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Comhairle na Gàidhealtachd

'S ann air Comhairle na Gàidhealtachd a thàinig a' chosgais as motha san Rìoghachd Aonaichte a rèir na h-àireimh sluaigh ri linn a' Choròna-bhìorais.

Sin a rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh leis a' BhBC.

Thug a' Chomhairle rabhadh seachad gur dòcha gum bi toll airgid aca de mu £96m.

Tha sin co-ionnan ri £411 airson gach neach a tha a' fuireach san sgìre.

Tha Covid-19 air fàgail gu bheil mòran ùghdarrasan ionadail air call a-mach air teachd a-steach, agus aca cuideachd ri barrachd a chosg gus dèiligeadh ri staing a' bhìorais.

Tha comhairlean Obar Dheathain agus Peairt is Ceann Rois anns an dàrna, agus an treas àite.

Ma bhios gainnead ann de chòrr is £96m, ‘s e seo an ceithreamh suidheachadh as miosa san Rìoghachd Aonaichte, às dèidh Bhirmingham, Manchester agus Essex.

Tha duilgheadasan sònraichte air a bhith aig Comhairle na Gàidhealtachd tron phandemic, le mòran san sgìre a' dol tro sgeama-fòrlaidh an Riaghaltais, agus an sgìre cuideachd a' call a-mach air luchd-turais, air a bheil mòran den eaconomaidh a' crochadh.