Tagradh an aghaidh HC-One ga leigeil seachad

Dachaigh-cùraim

Chaidh an tagradh airson cead a thoirt air falbh bhon chompanaidh HC-One a bhith a' ruith na dachaigh cùraim Home Farm ann am Port Rìgh a leigeil seachad aig èisteachd madainn Diciadain aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis.

Chaidh innse dhan chùirt nach eileas a' faicinn gu bheil slàinte luchd-còmhnaidh Home Farm fo chunnart mhòr, ach gu bheileas fhathast gu mòr an urra ri NHS na Gàidhealtachd airson an dachaigh-cùraim a ruith.

Chaidh iarraidh ait HC-One tighinn air ais gu Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim an ceann trì seachdainean le plana mionaideach air mar a thèid Home Farm a ruith bho seo a-mach, agus bidh èisteachd eile ann an ceann ochd seachdainean.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad toilichte gu bheil piseach air a thighinn air an ìre de chùram taobh a-staigh Home Farm.

Leanaidh iad ag obair le HC-One agus Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim airson a bhith cinnteach gun tèid an cùram a tha daoine a' faighinn a chumail aig an àrd ìre sin.

Taing

Chur Stiùiriche HC-One, Iain Kirk fàilte air co-dhunadh na cùirte.

"Tha e a' sealltainn gu bheil piseach air tighinn thairis air na seachdainean a dh'fhalbh, agus foileasach bhon an rannsachadh a' rinn Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim Diluain.

"Tha an sgioba againn aig Home Farm air obair chruaidh a dhèanamh agus tha sinn a' toirt taing dhaibh airson sin aig an àm dhuilich a tha seo.

"Tha sinn cuideachd a' toirt taing dha NHS na Gàidhealtachd airson an taic a thug iad dhuinn" thuirt e.

Chaidh iarraidh air HC-one tighinn air ais gu Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim an ceann trì seachdainnean le plana mionaideach air mar a tha iad am beachd a bhith a' ruith Home Farm bho seo a-mach.

Thèid èisteachd-cùirte a chumail a-rithist air 21mh Lùnastal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo