BBC Naidheachdan

Am Pàipear Beag a' leantainn air loidhne

Published

Dh'innis Manaidsear-stiùiridh Phàipear Bheag an Eilein Sgitheanaich nach tèid fhoillseachadh a-rithist chun an Lùnastail.

Dhearbh am Pàipear Beag air a' mhìos seo chaidh gun robh iad a' dol a sgur a dh'fhoillseachadh a' phàipeir rè ùine ri linn staing a' Choròna-bhìorais.

Bha e ri fhaighinn air loidhne bhon uairsin, ach bhathas an dòchas am pàipear foillseachadh a-rithist aig toiseach an Ògmhios.

Tha Pòl Wood a-nise air dearbhadh nach tèid am Pàipear Beag a chur an clò a-rithist chun an Lùnastail.

Duilgheadasan

Thuirt Mgr Wood nach tàinig atharrachadh sam bith air na duiligheadasan ionmhais a chuir stad air foillseachadh a' phàipeir sa chiad dol a-mach.

Thuirt e gu bheil teachdaireachdan taiceil air nochdach a thaobh cho cudromach 's a tha naidheachdan ionadail ann an Alba is cho airidh air taic 's a tha an roinn.

Dh'innis e ge-tà, gur e Sgeama Glèidhidh Obraichean na Rìoghachd Aonaichte an aona taic shusbainteach a th' ann do bhuidhnean naidheachd ionadail mar a' Phàipear Bheag.

Thug e seachad rabhadh nach bi e comasach am pàipear fhoillseachadh a-rithist ach ma thig atharrachadh air an taic a th' ann, no atharrachadh san t-suidheachadh eaconomach a th' ann ri linn Covid-19.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Am Pàipear Beag a' sgur rè ùine ri linn a' Choròna-bhìorais