Oidhirp lùghdachadh buaidh Covid-19 air obair-togail shoithichean

MV Glen Sannox Image copyright Getty Images

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh a "h-uile càil as urrainn dhaibh" gus lùghdachadh buaidh a' Choròna-bhìorais air an obair gus dà bhàta-aiseig a thogail air bruaichean Chluaidh.

Chaidh Gàradh MhicFhearghais a dhùnadh air an 27mh den Mhàirt ri linn bacaidhean Covid-19, ach tha oifigearan ag ràdh gu bheil obair ath-dhealbhachaidh, a tha air a mheas mar obair riatanach, air a bhith a' dol air adhart aig astar gus am bi iad san t-suidheachadh as fheàrr sa ghabhas nuair a thòisicheas an obair-togail a-rithist.

Tha an cùmhnant airson an Glen Sannox, a bhios air slighe Eilean Arainn, agus bàta eile, a bhios a' seòladh eadar na Hearadh, Uibhist a Tuath agus an t-Eilean Sgitheanach, gu mòr air dheireadh agus gu mòr thairis air a' bhuidseat.

Dh'fhàg am bùrach le na soithichean Riaghaltas na h-Alba a' gabhail smachd air a' ghàradh an-uiridh.

Chaidh cùmhnant airson ath-dhealbhachadh a dhèanamh air a' bhàta-aiseig an MV Glen Sannox a thoirt don chompanaidh, International Contract Engineering, a tha stèidhichte ann an Eilean Mhanainn, bho choinn grunn sheachdainnean.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tèid aithisg fhoillseachadh an ceann ùine mu bhuaidh Covid-19 air obair-togail nan soithichean.