Beachd gum bu chòir do riaghailtean lockdown ChalMac leantainn

MV Hebrides Image copyright Undiscovered Scotland

Tha co-dhiù aon fhear de chomhairlichean Uibhist a' cur a thaic ri beachd sa choimhearsnachd gum bu chòir do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn leantainn orra airson ùine fhathast le riaghailtean an lockdown acasan, sin nach bu chòir a bhith a' siubhal ach nuair a tha deagh adhbhar ann.

Thog Gail NicDhonnchaidh, riochdaire Uibhist air Bòrd Coimhearsnachd ChalMac, a' cheist dè bu chòir tachairt nuair a thig fuasgladh air an lockdown.

Tha comhairliche Bheinn na Fadhla agus Uibhist a Tuath, Ruairidh MacAoidh, ag aontachadh gu ìre mhòr rithe.

B'fheàrr l'esan gun deadh na riaghailtean teann a thaobh a bhith a' siubhail air na h-aiseagan a chumail co-dhiù ceithir neo còig seachdainnean an dèidh dhan h-uile càil fosgladh.

"Tha mi den bheachd gum biodh a h-uile sian gu math cunnartach nuair a dh'fhosglas iad an toiseach e.

Bidh daoine a' dol mun cuairt. Chan eil sian a dh'fhios aig daoine a bheil seo orra," thuirt e.

Bacaidhean

Thuige seo chan eil ach sia cùis dhearbhte sna h-Eileanan Siar agus tha seachdainnean ann bho chaidh a' chùis mu dheireadh a chlàradh.

Bhiodh Mgr MacAoidh toilichte gu leòr bacaidhean a chumail air na h-aiseigean gu an Damhair neo an t-Samhain.

"Tha sinne air a bhith uabhasach fortanach sna h-eileanan am bhìoras a chumail air falbh agus ma chumas sinn an t-àite dùinte 'son a' chuid as motha den bhliadhna chan e rud dona a bhiodh ann an sin idir," thuirt e.

Tha Mgr MacAoidh a' gabhail ris gum biodh sin a' cuingealachadh mhuinntir Uibhist a dh'iarradh siubhal gu tìr mòr agus gum biodh e duilich cuideachd iarraidh air daoine aig a bheil teaghlaichean sna h-eileanan fuireach air falbh.

"Se rud gu math pearsanta a tha seo dhan a h-uile duine. Feumaidh daoine iad fhèin smaoineachadh dè a tha iad airson a dhèanamh.

"Mar a tha mi fhìn, chan eil cabhaig sa bith orm falbh bhon eilean co-dhiù, ach bidh daoine eile agus bidh beachdan eadar dhealaichte aca seach sin," thuirt e.

Tha clàr-ama èiginneach ChalMac a' ruith gu co-dhiù an 14mh den Ògmhìos nuair a tha iad ag amas clàr-ama ùr fhoillseachadh.

Chan fhaigh daoine cothrom àite a chur air dòigh air na h-aiseagan ron an 14mh den Ogmhìos aig a' char as tràithe.