Cùis eile de Chovid-19 san Eilean Sgitheanach

An t-Eilean Sgitheanach Image copyright Getty Images

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' rannsachadh cùis dhearbhte eile de Chovid-19 san Eilean Sgitheanach.

Tha iad air innse gu bheilear air fios a chur air daoine air a bheil seo a' toirt buaidh, gu bheil comhairle ga thoirt dhaibh agus gu bheil deuchainnean gan cur air dòigh.  

Thuirt ball pàrlamaid Albannach na sgìre, Ministear an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis gu bheil ise a' tuigsinn nach eil a' chùis ùr seo co-cheangailte ri Dachaigh Chùraim Home Farm, far na bhàsaich deichnear dhen luchd-còmhnaidh agus an Coròna-bhìoras orra.

Thuirt i cuideachd nach eil am bòrd-slàinte dhen bheachd gu bheil am bhìoras air sgaoileadh nas fharsainge sa choimhearsnachd aig an ìre-sa.