184 cùis den Choròna-bhìoras air Ghàidhealtachd
- Published
Tha na figearan às ùire bho Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gun deach 184 cùis den Choròna-bhìoras a dhearbhadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.
Tha 60 duine an-dràsta san ospadal sa sgìre 's iad a' fulang le Covid-19.
Tha sia dhiubh fo dhlùth-chùram.
Sheall figearan a chaidh fhoillseachadh an-dè gun do bhàsaich 29 duine air an robh Corona-bhìoras sa sgìre.
Cha do bhàsaich duine sna h-Eileanan an Iar.
Chaidh sia cùisean a dhearbhadh ann an sin.